Skip to main content

‹‹‹ prev (15) Page ixPage ix

(17) next ››› Page xiPage xi

(16) Page x -
x Roimh-ràdh.
làimii gaisgich gun f hìamh, a' sgathadh 's a' gearradh
slos truaillidheachd a' chridhe. Bha e-fèin air a làn-
bheothachadh leis an Spiorad Naomh, agus an lorg sin
bu mhìannach, taitneach leis a bhi gu trie a' taomadh
amach soluis nèamhaidh air cridheachan peacach, dorch,
fuar, marbh, 'g an lìonadh le blàs agus beatha, agus
mar sin, a' leaghadh sìos nan cridheachan bu chruaidhe
'n an tuamaibh reòta, le beò ghràdh blàth do Dhia.
Sgiìobh Mr. Bacster mòran leabhraichean. Is
ìongantach, ann an tomhas air-leth, an comas sgrìobh-
aidh a fhuair è. Cha lugha na' ochd fichead ìeaòhar
's a h-oclid a thàinig amach o pheànn an diadbair so :
agus f had 's a bhitheas Eaglais Chriosd air thalamh, is
ionmhas Ian, taitneach dhi a chuid leabhraichean
diadhaidh ; oir gheibhear cuisle bheò, neartmhor,
nèamhaidh a* bualadh. aims gach aon diubh. Is ainmig
leabhar air-bith, aeh am Bìobull fèin, anns am faighear
uiread de spiorad na fior dhiadhachd, no tuigse, gràdh.
eòlas, dìlseachd agus solus cho mòr 's a gheibhear ann
an oibribh an ùghdair so. Tha ìad a' treòrachadh gu
pailt a chum " diadhachd f hior-ghlan agus neo-shalach"
àrach ameasg dhaoine. Bha 'us tha iad air am meas
glè luachmhor, agus air am beannachadh do mhiltibh,
1 am fad 's am fagus.' Tha ìad èifeachdach. a chum
peacaich mhi-chiiramach a dhusgadh, a chum na
h-aineolaich a theagasg, a chum na h-amharusaich a
dhaingneachadh, a chum solas a thoirt do na h-airsneul-
aich, a chum sluagh. mi-dhiadhaidh iompachadh, agus
a chum sluagh diadhaidh a thogail suas ann an naomh-
achd.
Sin anis teisteanas dhaoine diadhaidh, urramach,
ach, do'm b'aithne Mr. Bacster, air-fein agus air
'oibribh diadhaidh. Bha è ainmeil air feadh na riogh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence