Skip to main content

‹‹‹ prev (317) Page 307Page 307

(319) next ››› Page 309Page 309

(318) Page 308 -
308
ORAN DO ALASTAIR CORMAIG,
Air son orain a rinn esan do chloinn nabuidh eile, bha ann
an doigh measail, cinnichte, an cuid, ’s an eireachdas, agus
Alastair Cormaig farmadach ri duine air bith eile a chinnich-
eadh, agus e fein an deigh a chuid do 'n t-saoghal a chall, le
strodlialachd agus mi-cheill. Chuir e fein agus am bard a
mach air a cheile gu searbh roimh an am so.
Shanndaidh, cha ’n ’eil speis agam,
Do gliamhlas ris a’ Chleireaoh ud,
Aoh’s teann leam bhi ’g ad eisdeacM,
0 ’n a thug thu beum air claim.
Shanndaidh, cha ’n ’eil, &c.
Ged ni fear gair’ ’n ad fhianuis riut,
Gu t’ aireach ann do dhiomhanas,
Canaidh iad gu diomhair,
Each robh focal fior ’n ad cheann.
Ged ni fear, &c.
Eisdidh iad gu tosdail riut,
Air eagal t’ fhearg a bhrosnachadh ;
Oir tha iad faicinn coslais ort,
Gu ’n d’ fhas do thoimhsean gann.
Eisdidh iad, &c.
Bidh iad ciotach, cealgach, riut,
Mar bhios fear glic ri balgaire,
’E uair bhios a lamh ’n a charbad,
Is an caothach dearg ’n a cheann.
Bidh iad ciotach, &c.
Thuit thu le droch thri rudan,
Eudach, 61, is aotramas ;
’N uair a dh’ fhas thu baoth leo sud,
Cha b’ e ’n tiom dhuit dheanamh rann.
Thuit thu le, &c.
An ruidhtear dona mhilleas rud,
Bidh caoidh, is gainne, s tinneas air,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence