Skip to main content

‹‹‹ prev (316) Page 306Page 306

(318) next ››› Page 308Page 308

(317) Page 307 -
307
RANN A RINN AM BARD AIR BAN A IS,
Agus iad air cur Iain MhicAoidli, Fear Bhoralaidh, gu bhi
’n a cheann-suidhe aig a’ bhord air an robh cuid do na mnaibh,
's an oigridh. B’ e athair bean na bainnse am buachaille,
Mr. Murchadh MacDhomhnuill am Ministeir, Coinneach
Sutharlan am Factor, agus Iain mac TJilleam ’Ic Neill am
Pracadair.
Chaidh Iain gus a’ bhanall ud,
Do bheannachadli na fhuair iad,
Is rinn e suidhe socarach
Air sopanaibh d’ an luacbair;
uair theid thu troimli gach dleasdanas,
Dean athehuing do na h-uaislibh,
Am Ministeir, am Facadair,
Am Pracadair, ’s am Buacbaill.
RAINN
A rinn am bard latha do Churstaidh a nighean, agus a
bhean bhi o ’n bhaile, agus a piuthar bu sheana ’g iarraidh
air Curstaidh fuinne dheanamh. Bha i a’ diultadh a peathar;
agus air do ’n bhard fhios a bhi aige gu robh iad a’ maoidh-
eadh oirre, mac breabadaire, coimhearsnach a bh’ aca, d’ an
robh fuath araidh aice, agus aig an robh piuthair bhochd,
chiorramach, ’s ann a thoisich e air na rainn dhi, agus cha
b’ fhada ’n sin gus ’n do ghabh i an cronachadh.
Nach li-e mis’ th’ aims a cliall,
Le mo bhean a bhi thall,
’S nach dean Curstaidh mhaol donn an fhuine
dhomh.
Cha ’n ’eil neach aims an tir,
D’ an d’ thug ise mor ghaol,
Ach mac a’ bhreabadair mhaoil, is currachd air.
Cha ’n ’eil pinthair-cheile dhuit aim,
Ach Eiric rugaideach, chain,
Car ’n a h-amhach, ’s a ceann a’ turraban.
Ma’s e Curstaidh a ghaol,
’S gu ’n tig e ’n so air a ti,
Bheir mi fein a’ bho mhaol’s an gunna dha.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence