Skip to main content

‹‹‹ prev (190) Page 180Page 180

(192) next ››› Page 182Page 182

(191) Page 181 -
181
Thug Barb’ra Muilleir misneach dhi,
’S tha dull ’am fhein nach misd’ i sud.
Hi ri choll o hhi h-iuraibh o, &c.
Dearbli cha b’ aobhar-caoinidh dhuit,
Ged chaidh thu dheanamh coblirach ri,
Gun chuir i anns na gabhraidh thu,
Ciod fhios naoh toir i Tomas duit,
Hi ri choll o bhi h-iuraibh o, &c.
Tha m’ inighinean-sa gun ionmhas ac’,
Ei gniomh na tuath ’g an ionnsachadh ;
Ma tha do mhic-s’ ’g an sanntachadh,
Thoir leat iad fhad’s a chunntar iad.
Hi ri choll o bhi h-iiiraibh o, &c.
Gach cupull mar bhios diongmhalt’ diubh,
Ha caithear tiom an diomhanas ;
’S fearr an cur do shiolachadh,
Ha ole sam bith a ghniomh’rachadh.
Hi ri choll o bhi h-iuraibh o, &c.
Tha mis’ a’ faicinn fior-mholtach,
Ham fleasgach ud a mhiannaich sibh;
Cha chuir luchd-ceairde mio-thlachd oirbh,
Oir fighidh iad na shniomhas sibh.
Hi ri choll o bhi h-iuraibh o, &c.
Gur fortanach mo phaisteachan-s’,
Bidh Seoras leis na spalan aic’,
Bidh crodh is eich air airidh aic’,
Bidh biadh maith prais is lagan aic’.
Hi ri choll o bhi h-iuraibh o, &c.
Bidh ’n fhuin’ aig Beataidh Sutharlan,
'S bidh Barb’ra deanamh bruthais duinn;
’S bidh Seumas a’ cur subhaich’ oirnn’,
Ei feala-dha, mar dubhairt iad.
Hi ri choll o bhi h-iuraibh o, &c.
Q

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence