Skip to main content

‹‹‹ prev (167) Page 157Page 157

(169) next ››› Page 159Page 159

(168) Page 158 -
158
ORAN DO DHAIBHIDH,
Agus ceathrar nighean bin co-stri uime, agus dithis diu
aige torrach, air dha te dhiu a phosadh, da’m b’ ainm Babaidb,
agus leanabh diolain bhiaice roimhe sin, ri fear Iain Caimbeul.
Luinneag.—Hei’m fear dubli, ho’m fear dubli,
Hei’m fear dubli feadh a’ bhaile ;
Hei’m fear dubli, ho’m fear dubh,
Hei ’in fear dubh feadh a’ bhaile.
Chreid iad uile ’n tos,
Gur h-e’m posadh a bha air ’aire ;
Ach eadar magadh’s gaire,
Chaidh Daibhidh gu fire-faire.
Hei’m fear dubh, &c.
Dh’ aithnicheamaid sliochd Dhaibhidh,
0’m parantaibh thaobh na fola,
Bus-dubh, cas-dubh, ceann-dubh,
Bidh a chlann-san measg na cloinn’ eile.
Hei’m fear dubh, &c.
Tha Ni-’ic-Dho’uill, ’ic-Huistein,
A’s triuir dhiu air-sa mar eire,
Ealasaid is Paileag,
Is Babaidh Hic-Ille-inhoire.
Hei’m fear dubh, &c.
'S ann a smuainich Babaidh,
Mu Dhaibhidh gun robh e smiorail;
Ach fhuair i mach nach tilg e
Cho cuimseach ri Iain Caimil.
Hei’m fear dubh, &c.
’S comharradh ro chinnteach,
Air daoine bhi dol an gainnead,
Ceathrar a bhi co-stri
Mu phosadh ri Daibhidh tarr-fliionn.
Hei’m fear dubh, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence