Skip to main content

‹‹‹ prev (19) Page 15Page 15

(21) next ›››

(20) Page 16 - Colophon
agus na ceannardan a steach air geata na cluais.
'Sann o eisdeacM focal Dhe a thig creidimh.
Le eolas air a mheasgadh le creidimh ghabh
E sealbh air an inntinn. Theich Dorchadas
mar an oidhche roimh an la. Theich Ascrei-
dimh air call sealladh a dha shul. B’fhearr
leam iomadh la uaith sin gu’n do chaill e a
theangaidh. Chaidh an Righ air aghaidh le
Gradh a dh’ionnsuidh a’ chridhe a ghabhail
seilbh air an toil.
Dhe na daoine laidir a bha ’fuireach an sin
ghearr E na casan ; agus chroch E na cuirp
aca gu bhi ’nam ball-sampuill, agus airson
aobhair eile, gu’n cluinnteadh an gearan, “ Och
is duine. truagh mi, co a shaoras mi o chorp
a’ bhais so ? ” Theich an Righ dubh a mach
as a’ bhaile no, mar a tha sibh a’ leughadh,
chaidh a cheangal agus 'armachd a thoirt
uaith. Agus mu thimchioll nan ceard car
tamuill cha robh aon diubh ri 'fhaicinn, gu
h-araidh a’ chuid a bha dubh ’nan casan 'nan
lamhan agus 'nan eudan. Dh’eirich a’ ghrian
air a’ bhaile. Cha robh dealanach ri ’fhaicinn
no tairneanach ri 'chluinntinn. Bha gras
trbcair agus sith a’ dealradh an gnuis an Righ
a dheothail an cridhe agus an suilean le crei¬
dimh. Rinn E an lomnochd a chomhdachadh
le eudach grinn agus dealrach nach gabh
salachadh’s nach fas sean. Le gradh rinn E
breagh an nadur agus an iomhaigh. Agus le
dochas nan nithe a bhios, nach’eil 'san am ri’m
faicinn, lion E an cridhe le misnich foighidin
agus aoibhneas. Bha a h-uile ni nuadh. “ Cha-
n’eil eifeachd ann an ni sam bith ach cruth-
achadh nuadh.” “ Mur beirear duine a
rithisd cha teid e steach do rioghachd Dhe.”
Bu mhaith a bhi ’fuireach ’sa bhaile ’san[uair
so. Ach sguiridh mise de sgriobhadh; oir cha
sgriobhaiche no mac sgriobhaiche mi.
Printed by Tutnbull Shears, Edinburgh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence