Skip to main content

‹‹‹ prev (18) Page 14Page 14

(20) next ››› Page 16Page 16Colophon

(19) Page 15 -
15
■earbsa ri tilgeadh do’n bhaile na chaidh Dochas-
breige agus Sith-fheallsa a mharbhadh maille
ri Fein-mhisnich agus moran eile mar a bha
na daoine uaisle de shiol nam Phairiseach.
Agus airson nan daoine gealtach sin, na Sadu-
saich, ma bha iad beo cha robh facal aca ri
r&dh. Is minic a chunnaic mi ceann goirt a’cur
na ruaig orra. Ach bha iomadh a shaoil leam-
sa a chaidh an so a mharbhadh a thachair orm
beo an deigh sin.
Ach mu thimchioll muinntir a’ bhaile bha
an staid ro iosal. Theirig gliocas dhoibh.
Bha iad air am bioradh ’nan cridhe agus a’
farraid ciod a dheanadh iad. Chuala mi iad
’gan diteadh fein, a’ bualadh air an uchd a’
sireadh trocair. Ach thainig an la ris an
abrar la cumhachd an Righ sam bi a phobull
toileach. Mhol E na ceannardan ag innseadh
dhoibh gu’n robh an cuid-sa dhe’n chogadh
criochnaichte. Ghairm E ceannardan eile mar
tha Eolas, Creidimh, Dochas agus Gradh ’nan
aite. Ghabh E trompaid eile agus sheirm E
aig geata na cluais nach ann a sgrios ceud
luchd-aiteachaidh a’ bhaile a thainig E ach
gu an tearnadh, gu’m b’e a chliu-sa, an Tighearn
Dia, iochdmhor agus grasmhor, mall ann am
feirg agus pailt ann an trocair, a’ maitheadh
aingidheachd eusaontais agus peacaidh, gu’n
robh iomadh c6ir aig air a’ bhaile. ’Sa cheud
aite bha aige coir chruthachaidh; ’san dara
.aite thug ’Athair dha e, ’san treas Elite chean-
nuich E le luach e ; agus a nis thainig E a
ghabhail seilbh ann. Bha E ’na sheasamh aig
an dorus agus a’ bualadh ; nam fosgladh neach
sam bith dha thigeadh E a steach is ghabhabh
E a shuipear maille riu. “ Aomaibh bhur
cluas agus thigibh am ionnsuidh. Eisdibh
agus mairidh bhur n-anam beo. Thigibh am
ionnsuidh sibhse uile a tha ri saothair agus
fo throm uallach agus bheir mise suaimhneas
dhuibh. An ti a thig am ionnsuidh-sa cha
tilg mi air chor sam bith a mach e.” Le
briathran milse is solasach mar so, tinn mar
a bha iad, ghlac E an aire. Thainig E fhein

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence