Skip to main content

‹‹‹ prev (380) Page 300Page 300

(382) next ››› Page 302Page 302

(381) Page 301 -
AILEAN BALL.
301
’S tu namhaid na h-eala,
Lamh a mhealladh a gheoidh ;
B’ f'hearr leat ’fhaicinn s an adhar,
Na na laidhe air Ion,
Air iteig ga chaitheamh,
’S luaidhe neimh’ air a thoir
Bho ghunna beoil chumpaich.
’S cha bhiodh uin’ aige bed.
Faigh a nuas, Qc.
Lean do chruadal, ’s do ghaisge,
’S am fasan bu dual
A bhi colgarra, cosant’
Gu brosnachadh sluaigh :
Gu h-armailteach, treubhach,
Gu geur lannach, cruaidh ;
’S tu shliochd nam fear treuna,
Nach geilleadh’s an ruaig,
Faigh a nuas, fyc.
Tha ’n naidheachd so fior
Aig luchd innse nan duan,
Gur sgeul e ro chinnteach,
Air do shiimsir bha buaidh ;
Nach do dhibir an deas-lamh,
Ach seasamh’s gach uair,
’S i bhuidhneadh a chis
Hi uchd strithe le fuaim.
Faigh a nuas, Qc.
Ghabh thu tlachd a’s deagh-cheutaidh,
Do ’n bheus a bh’ aig each,
Luchd bhreacan an fheilidh
A dh’ eireadh a’d phairt:
Toirm fheadan ga ’n gleusadh,
Leat is eibhinn an gair’,
Mar ri binneas nan tend,
’S a bhi g’ eisdeachd nam bard.
Faigh a nuas, fyc.
Tog suas an crann direach,
’S brat rimheach gun sgath,
Le cularaibh rioghail
A dh’ innseas co iad ;
’S cha ’n 6b do chuid gillean
Dol an iomairt na spairn,
’S tu fein air an toiseach
A toirt mosglaidh da ’n cail.
Faigh a nuas, §*c.
Tog colg ort, fhir ghasta,
Bi gaisgeil ’s gu’m faod ;
Thig marcaich, a’s coisichean
Ort as gach taobh ;
A sheasamh do chorach,
Clann-Domhnuill an fhraoich ;
Thig do chinneadh a d’ chomhnadh,
A chraobh chomhraig nan iaoch !
Faigh a nuas, §c.
Tha tir chalma ro fhearail,
Ann a’d fhearannaibh fein,
Eadar Cnoideart’s Gleann-Garadh,
’Theid barraicht’ air ghleus :
’Chuireas cul air an naimhdean ;
Tha ’n ceannard ga ’n reir :
’S cha ghabh thu bhi ceannsaicht’
Le Ghranndaich Shrath-Spe.
Faigh a nuas, <Jc.
’S leat cairdeas, le/turachd
Fir ur Innse-Gall,
Nach gabh giorag na muiseag,
’N am rusgadh nan lann ;
Na ’n cluinneadh iad stri riut,
Bhiodh mlltean diubh ’nail ;
Mu ’n leigeadh iad cus ort
’S iad a dhubhladh do ranc.
Faigh a nuas, <^c.
rrhig a d’ choinneamh le farum
Buidhean bhras nan arm cruaidh
A bhuaileadh na buillean
’S a chuireadh an ruaig
’Bha gu h-ardanachji-eachdmhor,
Gu feachd a dol suas
Bho Cheapaich nan craobh,
’Dh-fhag na glaoidh’s a Mhaol-ruaidh.
Faigh a nuas, fyc.
Bho Chomhann nam bradan,
Is gasd’ thig fo thriall,
Clann Iain gun ghealltachd,
Bha ’neart-san leat riamh,
Le ’n airm an deagh ordugh,
Luchd a leonadh nam fiadh,
’S a dheanadh an tolladh
Mu ’n cromadh a ghrain.
Faigh a nuas, <^e.
Co ’thairneadh riut riobadh
Nuair ’thig nam beil bhuat?
lari’ Antrum a Eirinn
Leis an eireadh na sluaigh ;
Mac-Tc-Ailein nan geur lann,
Dheanadh euchd air a chuan,
Aig am beil na fir ghleusda
’Dhol a reubadh nan stuadh.
Faigh a nuas, fyc.
Thig iad sid ort le duthchas
Bho thur nan clach reidh,
Braithrean Dhomhnuill, Cloinn-Dhughaill,
Marcaich shunntach nan steud :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence