Skip to main content

‹‹‹ prev (243) Page 163Page 163

(245) next ››› Page 165Page 165

(244) Page 164 -
164
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Dheanadh gaisgeach de’n sgliuraich,
Chuireadh diun-laoch na luaths,
Claidhean glasa ’gan rusgadh,
Claignean bruit’ aig luchd fuath.
'S iomadh aon tha ga’ iundrain,
O’n chaidh uir ort san uaigh ;—
An toiseach labhair an spliiican,
Ghiodh tu giulan gach uair.
“ Tha mi fein gun tombaca,
Cha b’e cleachdadh a fhuair,
’S trie chuir Iain fo m’aisne,
Greim, a’s cairteal, a’s cuach.”
Thuirt a ghloin’ a bha’n Asdain,
“ Mo sgeul craiteach, ro chruaidh !
Dh-fhalbh mo shugradh, ’s mo mharan,
Thug am bas leis lain Ruadh ;
Fear a chluicheadh a chlarsach,
Dheanadh dan, agus duan,
Cha b’e Caluinn a ehrampaidh
Fbnn a b’fhearr leis ’g a luaidh.”
Thuirt am pigidh bha lamh ris,—
Faigh an t-arca gu luath,
Cuir am chlaigeann-sa spkirt e,
Tha tart’s gach aite mu’n cuairt.
Thainig con-tivigh na pl .ighe,
Tha nithe gnathaichte bhuainn,
Cha bhi reothart gu brath ann,
’S ann a thraigheas an cuan.”
Thuirt am buideal, ’s am botal,
Thuirt an goc ris an stop,
Thuirt an copan, ’s an t-slige ;
“ ’S mor an sgrios th’air tigh’n oirn.
Tha gach sruth air a dhunadh,
Bha cuir a dh-ionnsaidh nan Ion,
Cha’n fhaighear drap air an urlar,
A fhliuchas bru Dhomhnuill big.”
O’n dh-fhalbh an cbmpanach sar-mhath,
Dh-fhalbh an rabhart, ’s an spbrs,
Dh-fhalbh beannachd na cloinne,
’S e sheinneadh an cebl.
Nis o rinneadh do charadh
’N ciste chlaraich nam bord,
’S mor as mist iad am Pharo,
Gun fhear do ghnais a bhi beb.
Dh-fhalbh an deagh ghille cuideachd,
Nach robh sgrubail san bsd’;
Dh-fhalbh fear traghadh nan searrag,
Chosgadh barrachd thar stop.
Dh-fhalbh fear deanadh nan duanag
Leis an luaighte gach clo,
Cha b’e ghnas a bhi gearan,
Ge h-ioma glain’ thug dha pbg.
’S beag mo shunnt ri lath feille,
’S beag mo speis dheth gach cedi,
’S beag mo thlachd dhe bhi ’g eisteachd,
Gaoir theud fhir nan croc.
Leam a b’annsa do bhruidhean,
’hi am suidhe mu bhdrd,
Na droch dhreochdan air fidhill.
Mar fhuaim snithe an loin.
Bha thu d’ dhamhsair air urlar,
Bha thu siubhlach air snamh ;
Bha thu d’ chairiche lughmhor,
Cha bhiodh tu d’ luireich fo chach.
Urram leum, agus ruithe,
Glac threun a ruitheadh an rhmh,
’San ;.m caitheadh na cloiche,
Bu leat an toiseach air each.
Thoir mo shoraidh-sa tharais,
Dh-ionnsuidh ’n fhearainn ud thall ;
O nach faod mi bhi mar ribh,
’S leibh mo bheannachd san am.
Biodh an uaigh air a treachladh,
Ann am fasan nach gann ;
Buideal rum aig a chasan,
’S rol tombac aig a cheann.
AISEIRIGH IAIN RUAIDH.
LUmNEAG.
JTb-rb gum b'eibhinn leam,
' Chluintinn gu'n do dli 6irich thu,
' S ann leam a’s ait an sgeula sin,
On chaidh an t-Eiig cho teann ort.
Chualadh mi gu’n chailleadh thu,
’S gu’n do rinneadh t-fhalaire,
’S e cuis mu’n robh mi gearanach.
Do bhean a bhi na bantraich.
Ho-ro, <$£C.
Thug iad bho na h-dsdairean
Buidealan gu tdrradh dhut,
Mu bheireas mi gun dl orra,
’S e ni sinn sedrsa bainnse.
Ho-ro, $c.
On tha giubhas sabhte agad,
’S gu’n d’rinn an gobha tairnean dut,
’S ann theannas sinn ri bkta,
Theid do Pharo dh-iaraidh Branndai.
Ho-ro, 8^c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence