Skip to main content

‹‹‹ prev (151) Page 71Page 71

(153) next ››› Page 73Page 73

(152) Page 72 -
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
U
E cho teann air a cheangal,
S nach e sgaradh a b’aill leo,
'S e leantainn o’n tim sin,
Gu’n mhiosguinn gu’n mhl-ruin,
’S nach gluasear le innleachd,
Gu dilinn’s gu brath e.
Bu cheart sheannachas, ’s cha tagradb,
Thaobh falachd is caidreamh,
Dhut Caiptin Chlann-ra’uill,
Bha mar riut, sa’ ghabhadh
Do chois-nabhaidh taitneach,
’S do chompanach leapa,
N am marcachd a’s astair,
’S ’nuair stadadh am marsal,
Bha thu ad t-fhianais air sileadh,
A chreuchdan, cho-mire,
Ri bras easraich pinne,
’S a spiorad ’ga fhagail,
Agus uaislean a dhuthcha,
Ri caoidhearan tursach,
'S an cridh air a chiurradh,
Ma mhuirneinn nan Gael.
Thaobh dligh’ agus dualchais,
Budaimheil ma d’ ghuailibh,
Mac-Neill o na cuaintaibh,
’S a dhaoin’ uaisle gu’n taire,
’Nuair a dheireadh oirbh trioblaid,
’S ann da iunnsaidh a thigeadh,
Le iarrtas cho bige,
Ri Litir a laimhe,
Chunnaic each e cho soilleir,
Teachd le cabhlaichin troma,
De luchd nan gath loma
Na choinnidh do dh-Aros,
’N uair a thachradh e riu,
Mar Thriath’s mar cheann-uidhe,
Dheanadh fhiontan iad subhach,
’S bu bhuidheach ’n am fhagail.
Mar choir bho na fhlaitheas,
Bha ranntanan mhath&,
Mac lonmhuinn an t-Shratha;
’S cha ghabhadh e fath air:
Ann an aimsir na ruaige,
’N uair a ruigeadh luchd fuath e,
Ba ghasda an ceann sluagh e,
’N uair a ghluaiste leis armuinn :
Bha e-san’s an tim sin,
Gu’n mhasla, gun mhi-chliu,
Ann am fochar a shinnsridh,
Le gniomharadh dana;
Nis o chaochail iad cleachdadh,
As an aite bu cheart daibh,
Chluinn sibh fein mar a thaehair,
Dhaibh ann an cath Mhara.
Ach’s e raghainn a ni mi,
Bheir mi gloir so gu finid,
’S nach gliocas no eriondaehd;,
Dhomh mhiad’s tha mi ’g raite,
Gur h-e Fionnachd san tim sibh,
Ann an aireamh no ’n innseadh,
’N uair a bha sibh gu’n diobradh,
’N-ar miad is ’n-ar airde,
Eadar Sgalpa’s caol-1 le,
Ge do b’ fharsuinn na criochan,
Bha roinn do gach tir dhiu
Fo chis duibh a’ paigheadh,
Nis o thuit na stuic fhion-fhuil,
Ris an abairt na righrean,
Tha na geugan bu dils’ dhaibh,
Air crionadh ’na’n aobhar.
ORAN
NAM FINEACHAN GAELACH.
’S i so ’n aimsir a dhearbhar
An targanach dhuiun,
’S bras meamnach fir Alba
Fo ’n armaibh air thus ;
’N uair dh’ eireas gach treun-laoch
Nan eideadh glan ur,
Le run feirg’ agus gairge
Gu seirbhis a chruin.
Theid mathaibh na Gaeltachd
Gle shanntach sa chuis,
’S gur lionmhor each seang-mhear
A dhamhsas le sunnd,
Bi’dh Sasunnaich caillte
Gun taing dhaibh ga chionn,
Bi’dh na Frangaieh nan campaibh
Gle theann air an cul.
’N uair dh’ eireas Clann-Domhnuill
Na leoghainn tha garg
Na beo-bheithir, mhor-leathunn,
Chonnspunnaich, gharbh,
Luchd sheasamh na corach
G’an ordugh lamh-dhearg,
Mo dhoigh gu’m bu ghorach
Dhaibh toiseachadh oirbh.
Tha Rothaich a’s Rosaich,
Gle dheonach teachd ’nar ceann,
Barraich an treas seorsa,
Tha chomhnaidh measg Ghall ;
Clann Donachaidh cha bhreug so
Gun eireadh libh’s gach am.
Mar sin is clann Reabhair
Fir ghleusta, nach eisd gu’n bhi aunt.
’S iad Clann-an-Nab an seorsa
A theid boidheach nan trial!,
’S glan comhdach nan comhlainn
Luchd leonadh nam fiadh :
72

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence