Skip to main content

‹‹‹ prev (150) Page 70Page 70

(152) next ››› Page 72Page 72

(151) Page 71 -
IAIN DUBH MAC IAIN ’IC-AILEIN.
71
*******
******
*******
******
O’n shuidhich sibh lu-chairt,
Bha dh-aileachd ’nar u-urais,
Gur h-iomarcach duthaich,
Bh’air an cuinneadh le pairt dhibh,
Bha de dh-airde ’nar giubhsaich,
’S nach tugadh each puic dhibh,
’S nach bu trie le luchd diumba,
Ar lubadh le taire,
Ach ’sen rud a thug sgiurs oirbh,
Gu’m bu chinne le erun sibh,
'S gu’m b’e dligh bhur duthchais,
Bhidh san iuil dheth ?m biodh iadsan,
Ge d’ bha sin ann sa tim sin,
Na mhios’s na mhor mhislean,
Tha e nis gu truagh lionte,
Daor tri-fillte paighte.
Tha seann-fhacal eil ann,
Tha cho fior’s mar a their iad,
Ge b’e neach air am beir e,
Bi’dh chneidh dheireannach craiteach,
Ge d’ tha sinne ri achdain,
Na dh-fhalbh o cheann fad orinn,
Bhiodh ar duil ri bhi’ beartach,
Na m biodh againn na dh-fhag sin,
Ach tha ar nadur cho truaighe,
’S nach faic sinn ar buannachd,
“ Cha leir math an fhuarain,
Gus an uair sin an traigh e,”
Tha e nios na ni’ soilleir,
Da’r nabuidhean comuinn,
Gun do bhristeadh mar phronnaig,
Gara’-droma nan Gael.
Fear gasda gun chrine,
Bha ainmeil san rioghaehd,
Cha bu trie a luchd mi-ruin,
Ri n innseadh no ’n aireamh,
Bu chompanach rlgh thu,
Am fear meamnach mor fir-ghlic,
Cha ’n fhaicte e fo dhiobradh,
Ach am prisealachd stata,
Ann an cogadh luchd strithe,
Cha robh nfasl’ air ri innse,
Ghleidh e onoir a shinnsridh,
’S ann a mhiodaich e n-ardachd,
Cha robh e, cha b’ fhiach leis,
Bhi falbh fo bhrat fillte,
Eadar e bhiodh na mhin-fhear,
Ague finid a laithean.
Bha e mor ann a miadachd,
Bha e mor gu bhi rioghail,
Bha e mor arm an gride,
Ann am firinn’s an cairdeas,
Bu mhor e ri fhaiinn,
Bu mhor air gach achd e,
Bu mhor e na phearsa,
Na ghastachd’s na ailleachd,
Bha e mor air son diulaoich,
Bha e mor gu bhi siigach,
Bha e mor an dheagh ghiiilan,
Ann an cuirteannan arda,
Bha e mor ann a misnich,
Bhae mor ann an gliocas?
Bha e mor gun cheist idir,
’S sar ghibhteannan naduir.
Na m biodh e ri fhuasgladh,
O n bhas a thug buaidh air,
Gur a h-iomadh laoch cruadail,
A ghluaiseadh ’na fhabhar.
An t-ainm coithcheanta mor sin,
Ri’n gairte Clann-Ddmhnuill,
O thoiseach an cordais,
’S iad bu phor da chiad mathair,
Agus uaislean nan Leddach,
Thaobh fala agus feola,
Mur lanain ur phdsda,
Leis’m bu deonach bhi’ gradhach,
Chunnacas mar phuthar.
An gruaidhean air dubhadh,
Mar gun deanadh lan phiuthar,
Geur chumha ma brathair.
Cia ma ’n fagainn an diochuimhn,,
Dream eile da dhislean ?
Bha na cinn bu mho pris dhiu,
Ro dhileas am pairt dhut,
Fir ghasda gun chrine,
Bha ainmeil’s an rioghachd,
Mar bha’n cinneadh mor priseil,
So shiolaich o Bhaneho,
O thoiseach an dualchais,
Cha robh smal air an cruadal,
Ach ’m beagan beag suarach.
So fhuair iad an drasda,
’Sen tabhar a lot sinn,
Nach e gniomh a bha lochdach,
Ach an dearbha mhi-fhorton,
Bha’n toiseach’s an abhar.
Na m b’aithne dhomh innse,
Bha e mor ann san rioghachd,
Ann am fala gun isle,
’S ann an lionmhoireachd chairdean,
Le seanachas ri firinn,
O thoiseach an linne,
’S e fein’s I aria-Shi-Ph ort,
Sliochd direachd da brathar,
Agus triath Ghlinne-Garaidh,
Ann an dlu-cheangal fala,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence