Skip to main content

‹‹‹ prev (68) Page 32Page 32

(70) next ››› Page 33Page 33

(69) Page 32 -
32
An seal air an coir an Trosg, an Langa, an
Traille, agus am Falmair a Ghreidheadk,
Flinch, no ann am Piceal.
Is seol greidhidh so, trid an deanar an t-iasg ’na bhatliar
ro luachmhor air son dhuchannan eile, agus trid an dcasuichear
e, chum feum mor a dheanamh dheth aig an tigh. ’Nan
rachadh an seol greidhidh so a chleachdadh ni’s farsuinge,
bhiodh e ’na chuspair ro ion-mhiannaichte chum leas na h-Ias-
gaireachd Bhreatuinnich a mheudachadb. Tha’n doigh a’s
fearr chum an seol greidhidh so a ghiulan air aghaidh, mar
a leanas :
Air do’n iasg a hhi gu freagarrach air a sgoltadh, air a
ghlanadh, agus a nigheadh, bu choir an sin, a shailleadh ann
am hallanaihh mora, no ann am boesaibh ceithir-chearnach,
air an deanamh dionach chum am piceal a chumail, agus gu
curamach air an comhduchadh o’n ghrein agus o’n uisge.
Air dha a bhi da fhichead uair ’sa h-ochd ann an salann,
feudar an sin a nigheadh ann an uisge glan ur; agus feumaidh
craicionn gach eisg a bhi gu math air a sguradh le sguaib
bhig fhraoich, no le bruis-laimhe, mar a ta cuid a’ cleachdadh.
An uair a ghlanar na ronnan gu buileach air falbh, agns a
shruthailear e gu maith ann an uisge fuar ur, tha e air a
dheanamh suas ’na thorr, chum cead silidh a thoirt da, agus
an sin air a leagadh ann am baraillibb, le salami glan. Ann
an deanamh so, cumar taobh a’ chraicinn do’n iasg ri iochdar
a’ bharaille, agus mar sin lionar suas e, a’ cur iomchuidh-
eachd salainn eadar gach breath do’n iasg, agus ’ga chu¬
mail co comhnard ’sa dh’ fheudar, agus co dluth ’sa ghahhas
e caradh ri claraibh a bharaille. Tha e iomchuidh an t-iasg
a chruinneachadh agus a sheorsachadh ’na thri, no na
clieithir earrannaihh, a reir a mheud ; agus bu choir gach
earrann a hhi air a shailleadh ann am baraillibh air leth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence