Skip to main content

‹‹‹ prev (66) Page 31Page 31

(68) next ››› Page 32Page 32

(67) Page 31 -
31
agus an nair a bliitheas c caoin, agus crioclinaichte ann an
greidheadh, bn choir a chur chum an tigh-thasgaidh. Cha’n
'eil e freagarrach sin a dheanamh, gidheadh, air la blath, no ’u
uair a bhios an t-iasg tetb bharr a’ chladaich, no na beairt-
tiormachaidh ; ach bu choir a chur do’n tigh ann an staid
fhionnair, an dara cuid ’san fheasgar no ’sa mhaduinn. Ma
bhithear ciiramach air an doigh so, agus ma ghiullaichear an
t-iasg air gach seol a dh’ainmicheadh, gleidhidh e re nine
fhada gu’n mhilleadh, agus gu’n truailleadh ; ach feumar an
ro aire a thoirt gu’n cumar an aile uaith le comhdachadh
iomchuidh, agus gu’n cuirear e ann an tigh-tasgaidh dionach
agas duinte. Tha mbran do’n luchd-greidhidh ann an Sior-
ramachd York, ’nam doibh a bhi ’deanamh suas an eisg
chaoinichte ’nan tighibh-tasgaidh, a’ cur bad beag fodair glan
eadar gach sreath do’n iasg. Le sin a dheanamh, tha’n cbrr
salainn air a tharruing air falbh o’n iasg o’n leth a muigh,
agus a thuilleadh air deagh dhreach a chur air, cumar e gu’n
mhalcadh, gu’n bhreotha, agus gu’n mhilleadh re nine fhada.
An uair a ghleidhear ann an salann iasg a ghlacar aims
a’ gheamhradh, gns an tig tiormachd na bliadhna a stigh,
feumaidh e beagan a bharrachd salainn; ach ma ghleidhear
ann an tbrr e, is coir a chbmhdachadh gu curamach le
brataibh-luachrach, no le eudachaibh-cainbe, ’ga chumailglan,
agus chum nach caill e a dhreach.
An uair a tha’n t-iasg gu bhi air a ghreidheadh ann am
piceal, feudar ’fhagail air a shailleadh ann an dabhachaibh,
gus an deanar suas a ris ann am baraillibh e. ’Nam a bhi
’ga ghluasad, bu choir a dheagh ghlanadh, agus a nigheadh
le h-uisge glan, agus na ronnan a sgriobadh gu buileach leis
an sgian bharr a’ chraicinn agus nan itibh-droma. Feudar an
sin, an t-iasg a dheanamh suas a ris ann am baraillibh, agus
a dheasachadh air son a’ mhargaidh. Bu choir aireamh an
eisg aims gach baraill fa leth a chomharrachadh air an taobh
a muigh dheth. Tha ceithir fichead is ceithir puinnd salainn
id’s ledir chum gach baraill a ghreidheadh, agus a dheanamh
suas air son a mhargaidh aig an tigh; ach feumaidh e ceud
punnd cudthroim salainn, ma chuirear a mach as an riogh-
achd e.
Air iarrtas na Cuideachd Urramaich.
TOMAS DIG LAUDER,
Run-chlcireach Biiird na h-Iasgaireachd Bhrcatuinnich.
An Tigh-Suidheachadh Rioghail.
{\)nh Mios meadhoin an t-Sdmhraidh, 1045.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence