Skip to main content

‹‹‹ prev (62) Page 29Page 29

(64) next ››› Page 30Page 30

(63) Page 29 -
29
ann an Siorramaclul York. Tha gach uile luchd-greidhidh
eisg gu durachdach air an comliairleacliadh an seol tionnacli-
aidh so a chleachdadh, do bhrigh nacli ’eil sedl sam bitli
eile a ni co cinnteach iad air reiceadh math fheotuinn d’an
iasg amis a’ mhargadh Spainneach. Ath-dhiolaidh an seol
so, ann an nine ghoirid an neoni cosdais a nithear an toiseach
chum uigheamachadh gu freagarrach air a shon. Tha luchd-
greidhidh Siorramachd York a’ gnathachadh bhearta-tiormach-
aidh, a ta air an deanamh le spealtaibh fiodha air an togail
air puist tri troidhean air airde. Tha na spealta sin air an
deanamh ann am fad iomchuidh, a reir mar a hhios feum orra,
agus ma thuairmeis cheithir troidhean air lend. Tha na
hearta-tiormachaidh comhnard air am mullach, le rongaibh-
tarsuing sea oirlich o cheile, air an cuirear an t-iasg ’na
luidhe. Tha ’bhuannachd a’s mo a’ sruthadh o na beartaibh-
tiormachaidh sin; agus ’si mor-dhurachd Buird na h-Iasgair-
eachd, gu’m biodh iad gu coitchionn air an cleachdadh leis
an luchd-greidhidh aims gach aite, do bhrigh gu’m bheil iad
gu mor id’s fearr air son tiormachaidh na mol cladaich sam
bith air Theabhas. ’Si buannachd a’s mo nam beart-tiormach-
aidh, gu’n eiim iad an t-iasg glan, agus do bhrigh gu’m
faigh a’ ghaoth a stigh fodhpa, tha’n tiormachadh a’ dol air
adhairt gu h-iosal agus gu h-ard aig an aon am. Mar sin,
cha bhi cunnart gu’m bi an t-iasg air a sgalltadh, air a
bhbchdadh, no air a losgadh leis a’ ghrein, an uair a sgaoilear
a mach an toiseach e; ni a thachaireas gu trie an uair a chuirear
air mol teth cladaich e, air latha blath. Ach an uair nach
’eil a chaochladh air mol cladaich ann, bu choir a bhi ro
churamach gu’n an t-iasg a sgaoileadh, an uair a bhios na
clachan tuilleadh’s teth le neart na greine, air neo loisgear e
gu’n teagamh, agus cha’n ’eil innleachd an deigh sin air a
leasachadh gu ceart. Ach co dhiubh a chleachdar a’ bheart-
tiormachaidh no’n cladach, is coir a bhi do ghnath ro churam¬
ach, nach sgaoilear an t-iasg a mach, re la no dha an toiseach,
ri dian-theas na greine. Feumar a bhi faiceallach mar an
ceudna,nach tiormaichear e tuilleadh’scabhagach, air neo gabh-
aidh e teas, fasaidh e brisg, caillidh e an craicionn, bithidh e
mar iasg leth-roiste, agus cha’n fhaighear reiceadh dha. An
toiseach, hu choir a leagadh air a dhruim, ach mu bheul an
fheasgair, bu choir a dhruim a chur an uachdar,ann an duintibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence