Skip to main content

‹‹‹ prev (60) Page 28Page 28

(62) next ››› Page 29Page 29

(61) Page 28 -
28
elmm cudthrom an eisg a mheudachadh ; ach cba’n ’eil ni sam
bith ni’s mealltaich’ na sin. Tha sin, cha’n e mbain a’ toirt a’
bbrigb as an iasg, ach tha e ’ga fhagaii ni’s eutruime. ’Nam
do’n lasg a bhi ’tiormacbadh, tba brat salainn a’ fas air
uachdar, a thuiteas deth gach uair a laimbsicbear e, agus le
so, tba’n t-iasg fein air a tbruailleadh co mor, is gu’n diultar
e mar iasg air a losgadh le salann, agus mu ghabhar idir e,
nitbear sin aig luach ro bbeag. Ann an siorramacbd York,
far am bheil an seol greidhidh a’s fearr air a chleachdadb,
tba’n t-iasg gu leir air a shailleadb ann am ballanaibh, no
ann an dabhacbaibh. Fagar, mar a’s trice, tri laithean anns
an t-salann e; agus tba aon tunna salainn air a shonrachadh,
chum tri tunnaicbean eis" a ghreidheadh,—ach ma bbitbeas
an t-iasg mor, feumaidb e barrachd salainn na db’fbeumas
an t-iasg beag. Is gnothuch so, gidheadh, nacb ’eil idir soirbh
ann an duthaich far am bheil an aimsir mar a’s trice fliuch,
agus an aile aitidh ; oir mar gabh an t-iasg do thaobb an ni
sin, ris an t-salann mar bu choir da a dheanamh, malcar
e, ann an uine ghoirid. Far am bheil fear-greidbidb fiosrach,
aithnichidh e le greim a laimh, mu’n toirear an t-iasg idir
as a’ phiceal, co dhiubh a ghabh e ri salann gu lebir no nacb
do ghabh ; acb cba’n fhaighear eblas chum sin a dheanamh
ach a mhain trid cleachdaidh. Ma shaillear an t-iasg an uair
a bhios e ur bharr an dubhain, cha ghabh e do’n t-salann ach
na dh’fheumas e, air a mheud is gu’n toirear dha; ach mar
bi e ur, tha am barrachd salainn ’ga losgadh.
Air do’n iasg a bhi air a thoirt as na dabhacbaibh, no as
na ballanaibh, bu choir a dheagh nigheadh, agus am piceal
fhasgadh as anns a’ mhuir, no ann an sal. An sin togar suas
e ’na chruaich fhada air mol a’ chladaich, a’ toirt aire gu’n
caraichear gach iasg le leathad, ’se sin, le ’cheann ni’s airde
na ’earbull, chum cead a thoirt do’n t-sal sileadh gu buileach
a mach as. Feudar fhagaii air an dbigh so la na dha, mu’n
sgaoilear a mach e air son tiormachaidh.
Is e an dbigh a’s fearr gu mbr chum an t-iasg a
thiormachadh an dbigh a ta ’ga ghnathaehadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence