Skip to main content

‹‹‹ prev (40) Page 18Page 18

(42) next ››› Page 19Page 19

(41) Page 18 -
18
agus mar an ceudna air drocli chutadh, agus air sailleadh neo-
riagliailteach. Leis an riaghailt so, cha chuircar gach seorsa
fa leth do’n sgadan air feadh a’ cheile, an uair a bheirear na
cinn as na baraillibh, chum an deanamh suas, no chum an ath-
lionadh.
An uair a thugadh cead siolaidh do’n sgadan re aoin, dha,
no a’ chuid a’s faide re thri laithean, bn choir na baraillean
a lionadh suas ]e sgadan a ghlacadh agus a shailleadh aig
an aon am, agus do’n aon sebrsa ris an sgadan a ta anns na
baraillibh a cheana, agus hu choir an aire a thoirt nach dbirt-
ear a bheag do’n phiceal, agus nach deanar mdran bruthaidh
air an iasg. Bu choir an sin, na cinn a chur anns na barail¬
libh, an teannachadh anns na ceareallaibh, agus an cuir ’nan
luidh air an taobh. Rachadh so a dheanamh an comhnuidh
fo chbmbdach, chum an dionadh o ghathaibh na grein, a ta ro
mhillteach do’n iasg. Tha e freagarrach an sin, leth char a
chur diubh, gach darna agus treas la, gus an ath-lionar iad.
Bu choir na baraillean ath-lionadh air an taobh a stigh do
chuig la deug o’n am ’san do ghlacadh an sgadan ; agus na
hiodh e air a dheanamh ni’s luaithe no’n uine sin, mu’s miann
leis an fhear-greidhidh comharadh dligheach Buird na h-Ias-
gaireachd Bhreatuinnich fhaotuinn aig am an ath-lionaidh.
An uair a hhios ni’s leoir do’n phiceal air a tharruing deth,
bu choir glacaid salainn a chrathadh ceithir thimchioll a’
bharail! air an taobh a stigh, ’se sin ma chithear feum air;
agus bu choir an sgadan a dhluthadh gu teann ris na claraibh,
agus am baraill a dheanamh suas le sgadan do’n aon sebrsa
agus sailleadh, gus am bi e air a dheagh lionadh. Air do so
a bhi air a dheanamh, feumaidh am baraill a bhi air a dhiin-
adh, air a dhionachadh, air a theannachadh, air a sheideadh
suas, agus air a chomharrachadh air an taobh le comharraibh
a’ ghreidhidh. Feudar an sin, am piceal a thaomadh a stigh,
agus am baraill fadheoidh a dhunadh suas gu h-iomlan.
ATH-SHAILLEADH AN SGADAIN.
Feumaidh gach uile sgadan a bhi air ’ath-shailleadh,
chum gu’n gleidh e ann an duchannaibh teth, agus
chum gu’m feudar a chur as an Roinn-Ebrpa

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence