Skip to main content

‹‹‹ prev (24) Page 10Page 10

(26) next ››› Page 11Page 11

(25) Page 10 -
araon do’n fhear-ceannachaidli agus do’n fhear-reicidh. Bu
cdibir do na h-uile, uime sin, aontachadh le clieile, chum an
cleachdadh sin a ta ’g aireamh an eisg a chur air cul, do
bhrigh gur e an lagh, nach coir ni sam bith a glmathachadh
ach tomhas a’ Chraiun, air a chomharrachadh le iarunn Buird
*
*na h-Iasgaireachd.
LUCHD-GREIDHIDH.
Mu tha an toil aig an luchd-greidhidh bu choir a bhi aca,
chum a thoirt orrasan a ta ’g iasgach air an son, an sgadan a
laimhseachadh gn curamach o’n am anns an glacar e, gus
an toirear seachad e, bu choir doibh an dichioll a dheanamh
chum deagh eiseimpleir a chur rompa, le bhi faiceallach gu’n
deanar gach ni gu pbngail agus gu dligheach air an taobh
fein. Mu dh’fbagas iad an sgadan, an deigh ’fhaotuinn,
anns na soithichibh-greidhidh, ruisgte ris a’ ghrein agus an
uisae, cha’n ’eil e coslach gu’m bi a bheag do chumhachd aca
chum impidh a chur air na h-iasgairibh an sgadan a chrathadh
as na liontaibh ’n am a bhi ’g an tarruing, no a bhi faiceallach
air shebl sam bith mu thearuinteachd an eisg, do bliMgh gu’m
biodh gach curam mar sin gu’n fheum, n’am biodh am fear-
greidhidh dearmadach mu’n sgadan an deigh ’fhaotuinn. Is
e gnothuch an fhir-greidhidh, uime sin, a bhi faiccallaeh gu’m
bi ua soithichean, no na ballain-cumail air an cbmhdachadh
gu curamach le brataibh-dubhraidh, agus mar an ceudna,
gu’m bi na baraillean, an deigh an lionadh, gu freagarrach
air an cbmhdachadh, agus air an dionadh o’n ghrein agus o’n
uisge. Tha mbran aig an aire a bheirear do na h-earailibh
so r’a dheanamh, a thaobh deagh-amm’, no droch-ainm’ an
sgadain a ghreidhear ann am Breatunn, oir ma dhearmadar iad,
bithidb an t-iasg, a reir coslais, air mhodh do-leigheas air
a thruailleadh. Mar a’s luaithe a chuirear salann air an
sgadan, is ann a’s fearr an gnothuch, do bhrigh gu’n daing-
nich e na lannan, ni a ta ro chudthromach air son seallaidh
an eisg an deigh laimh. Chum na criche so, bu choir salann
a chrathadh thairis air, an uair a thaomar e, a chuid is a chuid
a’ soitheach-tomhais a’ Chrainn anns an t-soitheach-cutaidh.
Bu choir do’n sgadan a bhi an cbmhnuidh air a chutadh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence