Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 5Page 5

(16) next ››› Page 6Page 6

(15) Page 5 -
5
chum an t-iasg a ghleidheadh tearuinte. An uair a chuirear
an t-iasg air tir, bu choir gach bbrd fuasgailte ’san eithear a
thoirt aisde, agus an taobh a stigh aice a nigheadh agus a
ghlanadh gu ciiramach. Bu choir so a dheanamh gach la
^re am’ an lasgaich, agus mar so, tha’n salachar ni’s usa a
thoirt air falbh, agus tha’n t-eithear air a deanamh glan, agus
saor o gach sal agus droch fhaile, mu’n teid i dh’ lonnsuidh
na mara air gach turas fa leth. Bu choir aite goireasach a
bhi air a dheanamh ann an toiseach gach eithir, agus air a
dhunadh os a cheann, far am feud an sgioba air amannaibh
codal a dheanamh, agus fasgadh ’fhaotuinn. Bn choir cota
agus triubhas cainbe, air an deagh uilleadh, agus mar an
ceudna bbtan freagarrach a bhi aig gach fear;—agus nam
faigheadh gach iasgair fa leth an comhdach-cinn sin, ris an
abrar Currachd-tearnadh Dkunedin, air son an d’fhuair Mr.
Simpson, a dhealbh e an toiscach, litir-corach o’n chrun ;—
agus maille ri so, ’nam faigheadh gach iasgair an t-uidheam-
tearnaidh sin, a ta nis air a dheasachadh air son Freiceadain
a’ Chorsa, rachadh iomadh beatha a thearnadh, a bhiodh a’s
eu’gais sin, air an call. On a dh’ fheudas teine a bhi anns
gach eithear anns am bheil meudachd, bhiodh e comusach
do’n sgioba am feumalachd fein do Chojjidh a dheasachadh,
agus chitheadh iad le deuchainn a thoirt da, gu’m biodh sin
mar dheoch, ni bu taitniche, ni b’ fhallaine, agus ni bu
tarbhaiche gu mbr na deoch laidir sam bith, agus gu’m biodh
; e saor o gach droch bhuaidh ’na lorg.
Far am bheil cabhlaichean mbra a dh’ eithrichibh-iasgaich
air an cruinneachadh, tha e ’na chleachdadh cumanta gu’n
I lean a’ chabhlaeh air fad air an t-slighe a ghabhas a’ cheud
eithear a theid dh’ionnsuidh a’ chuain, agus gu’n toir iad a
mach an t-aon ionad iasgaich. Feudaidh so a bhi ’na sheol
glic, ma fhuaireadh cinnteachd roiinh laimh gu’n robh meall
eisg anns a’ cheart ionad sin, ach mar do thachair sin,
bhiodh e mbran ni bu fhreagarraiche do na h-eithrichibh
slighean fa leth a ghabhail, chum le sin, gu’m feud cuid
dhiubh tuiteam air meall do’n lasg, agus an uair a thachaireas
sin, dh’fheudadb eithrichean eile na cabhlaich dol maille riu,
agus mar so dh’fheudadh seaibh eisg a bhi orra uile. Ach
a reir a’ chleachdaidh chumanta, mar famhear an t-ias”'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence