Skip to main content

‹‹‹ prev (19) Page 17Page 17

(21) next ››› Page 19Page 19

(20) Page 18 -
18
XVI. Am bheil dochann air a dheanamh do’n pheacach fein
le leithid sin do dhearmad?
Tha. Bithidh e le so air a dhaingneachadh ’n a mhi-churam,
’n a fhein-mliealladh, agus ’n a pheacadh. Esec. xiii. 10, 20:
“ Thug iad air mo shluagh dol air seacharan, ag radh, Sith, agus
gun sith a bhi ann, le breugaibh rinn sibh cridhe an ionracain
dubharh, agus nach d’ rinn mise dubhach e, agus neartaich sibh
lamhan an aingidh, a chum nach pilleadh e o ’dhroch shlighe, le
bhi gealltainn beatha dha.”
XVII. Nach feud Eaglais, le dearmad oideis, a creidimh a
threigsinn air chor ’s nach hi i ni ’s faide ’n a h-Eaglais do
Chriosd, ach a’ cinntinn ’n a sionagog do Shatan?
Feudaidh. Thachair sin cheana air uairibh. Taisb. ii. 9: “ Is
aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur ludhaich iad
fein, agus nach eadh, ach sionagog Shatain.” Taisb. iii. 9: “ lad-
san do shionagog Shatain, a tha ’g radh gur ludhaich iad fein.”
Rann. 16: “ Do bhrigh gu’m bheil thu meagh-bhlath, agus nach
’eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mise thu mach as mo
bheul.”
XVIII. Ciod na sochairean a dh’ fheudas eirigh do’n chiontach
o chleachdamh an oideis?
Le so chi e am peacadh a bhi ole agus maslach. 2 Tes. iii.
14: “ Agus ma ta neach’s am bith nach toir umhlachd do ar
focal-ne tre an litir so, comharaichibh esan, agus na biodh
comhluadar agaibh ris, chum gum hi ri'iire air.” Agus ma
ghabhas e ris an smachdachadh le inntinn iomchuidh, tha e ’n a
shedl cumhachdach a chum ’irioslachadh, ’iompachadh, agus a
theagasg. 2 Cor. vii. 9, 10: “ A nis tha gairdeachas orm, cha’n
ann air son sibh a bhi doilich, ach gu ’n robh sibh doilich a chum
aithreachais; oir oibrichidh doilgheas diadhaidh aithreachas a
chum slainto do nach gabhar aithreachas.”
XIX. Ciod na sochairean a tha ’g eirigh do’n Eaglais o oib-
reachadh dileas an oideis?
1. ’S ann leis a tha peacaich air am mi-mhisneachadh o eho-
munn cealgach a dheanamh ris an Eaglais, agus an taois a dh’
fheudadh am meall uile a thruailleadh air a ghlanadh mach. 1
Cor. v. 7: “ Glanaibh a mach uime sin an t-seann thaois ghoirt
chum gu’m bi sibh ’n ur meall nuadh.” 2 Aireamh a fior iom-
pachain air fas ni's llonmhoire. Gniomh. xvi. 4, 5: “ Mar a
shiubhail iad troimh na bailtibh, thug iad dhoibh na h-drduighean
r' an coimhead a dh’ drduicheadh ieis na h-abstolaibh agus na
seanairibh a bha ann an lerusalem, agus mar sin bha na h-eag-
laisean air an daingneachadh anns a’ chreidimh, agus mheui>-
aicheadii iad gach la an aireamh.” Gniomb. v. 11, 13, 14:
“ Agus thilinig eagal mbr air an Eaglais uile, agus air na h-uile
a chuala na nithe so. Agus cha robh a chridhe aig aon-do chach
e fein a cheangal riu, ach bha mbr mheas aig a’ phobull orra.”
Agus a’sMOin achuireadii creidmhichris an Tigheam a, m’nme ann
muor do dh’ fhearaibh agus do mhnaibh.” 3. A naomhachd air
a deanamh aithnichte. Eoin. ii. 16: “ Togaibh iad sin a so, na
deanaibh tigh m’ Athar-sa ’n a thigh marsandachd.” 4. Onoir a
cinn air fhireanachadh. Esec. xxxvi. 23: “ Aithnichidh na cin-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence