Skip to main content

‹‹‹ prev (17) Page 15Page 15

(19) next ››› Page 17Page 17

(18) Page 16 -
1G
steach; am bheil iad a’ buanarhadh ’n an ioohdaranaibh do dh ’
ughdarras an Luchd-riaghlaidh?
Tha.—Tha a shamhuil sin do dll’ ughdarras air an aon laimh
agus do dh’ umhlachd air an laimh eile, air a cheadachadh
gu soilleir le lagh Chriosd. 1 Cor. v. 12, 13: “ Nach ’eil sibh a’
toirt breth air an dream a ta stigh? Ach a ta Dia a’ toirt breth
orra-san a ta ’n leth muigh.” Eabh. xiii. 17: “ Bithibh iimhal
do bhur einn-iuil, agus thugaibh geill doibh.”
IX. Ciod iad na cionta a tha a’ toirt luchd-comuinn fo agartas,
agus ascaoin Eaglais?
Bhiodh e ’n a ghnothuch mi-cheart fear-comuinn a thoirt fo as¬
caoin Eaglais no eadhon fo agartas air son gach mion-thuisleadh
’s am bith; ach tha iad gu leir fo smachdachadh na h-Eaglais—
Air son—
Anns a' cheud dit, Mearachdan ann an teagasg. Tit. iii. 10:
“ An duine tha ’n a shaobh-chreidmheach, an deigh na ceud agus
an dara comhairle diult.”
Anns an dara h-dit. Mi-bheus ann an giulan. Eph. v. 11:
“ Na biodh comh-chomunn agaibh ri oibribh neo-tharbhach an
dorchadais, ach gu ma fearr leibh an cronachadh.” (Faic mar
an ceudna, Taisb. ii. 20.)
Anns an treas dit. A’ deanamh tarcuis air xighdarras no
AIR RIAGHAILT, NO AIR ORDUIGHIBH NA h-EAGLAIS. 2 TeS. iii. 6:
“ A nis aithneamaid dhuibh, a bhraithre, ann an aimn an Tigh-
earna losa Criosd, sibh fein a dhealachadh ris gach uile bhrathair
a tha ’g imeachd gu mi-riaghailteach, agus cha’n ann a reir an
teagaisg a fhuair e uainne.”
Anns a’ cheathramh dit. A’ dearmad phleasdanasan follais-
EACH TEAGHLAICH, NO DIOMHAIR NA DIADHACHD. Eabh. X. 25:
“ Gun a bhi leigeadh dhinn sinn fein a chruinneachadh an ceann
a cheile mar is gnath le dream araidh.” ler. x. 25: “ Doirt a
mach do dhian-chorruich air na cinnich nach do ghabh eolas ort,
Agus air na teaghlaichean nach ’eit, a’ gairm air t’ ainm.”
Anns a' chuigeamh dit. Diomhanas, no leisg. 1 Tim. v. 8:
“ Mur dean duine solar air son a chuideachd fein, agus gu
h-araidh air son muinntir a theaghlaich; dh’ aicheadh e ’n creid-
imh, agus is mios’ e na ana-creideach.”
Anns an dite mu dheireadh. A’ fiaradh aon reaciid soieleir
SGRIOBTUIREIL, NO ORBUGH EAGLAISEIL AIR BITH. 1 Tim. i. 9:
“ Cha’n ann do dhuine fireaneach a dh’ orduieheadh an lagh, ach
do dhaoinibh neo-dhligheach agus eas-umhal, dhoibh-san a ta mi-
dhiadhaidh agus do pheacaich,” &c., &c.
X. Am bheil an Sgriobtur a’ ceangal cudthrom soluimte ri as¬
caoin na h-Eaglais?
Tha. Oir an uair a tha .a’ bhinn air a gairm do reir lagh’ Chriosd,
tha i air a daingneachadh air neamh, agus ma tha ’n ceann-
airceach air a “ ghearradh, air falbh ” gu tur o Eaglais Chriosd,
tha e air a thabhairt suas do Shatan dia an t-saoghail, mar aon d’
a iochdaranaibh a rioghachd fhaicsinneich-sa. Mat. xviii. 18: “ Gu
deimhin a ta mi ag radh ribh, ge b’e air bith nithe a cheanglas
sibhse air talamh, bithidh iad ceangailte air neamh.” 1 Cor. v.
5: “ a shamhuil so do dhuine thoirt thains do Shatan.” 1 Tim.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence