Skip to main content

‹‹‹ prev (10) Page 8Page 8

(12) next ››› Page 10Page 10

(11) Page 9 -
9
Le spiorad macantais, irioslachd, sithe, apjus lirnuigh, le ard
speis doghldir Chriosd, agus do leas spioradail na h-Eaglais; gun
chlaon-bhreth, no speis do phearsaibh seach a cheile. Phil. ii. 3:
“ Na deanar aon ni tre chonnspoid no tre ghldir-dhiomhain; ach
arm an irioslaehd inntinn, measadh gach aon gur fearr neach eile
na e fein.” 1 Cor. x. 31: “ Ge b’ e ni air bith a ni sibh, deanaibh
na h-uile nithe chum gloire Dhe.” Seumas iii. 17: “ A ta an
gliocas a ta o ’n airde siochail, ciuin, gu’n leth-bhreth.”
CAIB. II.
COMH-LE ANT ANAS NA CLEIEE, AGUS AIR MAR TIIAINIG IAX> AN LORG
A CHEILE O LINN NAN AbSTOL A NUAS.
I. An robh, aig Abstolaibh losa Criosd buidheann co-ionann
an dreucbd, ’s an tiodhlacaibh riu fein, a thainig ’n an aite?
C ha robh: cha b’ ann mar abstolaibh a shuidhichiad a’ bhuidheann
a thainig mar luchd-dreuchd ’n an ait; (oir cha b’ urrainn daoine
air bith a bhi ’n an abstolaibh, ach iadsan a mhain a chunnaic an
Tighearna) ach mar mhinisteiribh, gu bhi a’ searimnachadh an
fhocail, a’ frithealadh nan sacramaind, agus gu bhi a’ coimhead
thairis agus a’ riaghladh na h-Eaglais a reir fhocail Chriosd. 2
Tim. iii. 2. Gniomh. xiv. 23.
II. Mar eadar-dhealachadh o na deaconaibh, ciod mar dh’
ainmichear an luchd-dreuchd spioradail so?
Tha iad air uairibh air an ainmeachadh ’n an Easbuigibh, ’s
e sin luchd-coimhead na treuda—Air uairibh eile, ’n an cleirichibh,
a’ ciallachadh seanairean, a thaobh suidheachaidh, agus luchd-
coimhead, ’n an dleasdanasaibh. Ach tha iad le cheile do ’n aon
inbhe—is cha ’n ann do dhithis. Gniomh. xx. 17—28. Tit; i.
5—7.
III. Cia mar a bha iad air an drduchadh, no air an cur air
leth a chum an dreuchd?
Le lamhaibh na seanaireachd no na Cleire, bhi air an leagadh
orra. I. Tim: iv. 14. Gniomh. xxiii. 1.
IV. Ciod e gnathachadh nan Eaglais a tha gu neo-sgriob-
tuireil a’ cumail a mach gu’m bheil Easbuig agus Cleireach ’n an
da inbhe air leth?
Is gnathach leo an dara buidheann dhaoine chur air leth leis
an ni sin do’n goirear leo fein coisrigeadh nan Easbuig, agus a’
bhuidheann eile le orduchadh simplidh a mhain.
V. Am bheil aon riaghailt, no eiseimpleir anns an Tiomnadh
Nuadh air an da mhodh eadar-dhealaichte so a chum cur air leth
mhinisteirean gu ’n dreuchd, no gu an suidheachadh os ceann
Eaglaisean air leth?
Cha ’n ’eil a h-aon.
VI. Nach ’eil e ’n a ni feumail gu’m biodh ministeirean air
an cur air leth air dhbigh a reir nan Sgriobtur agus a’ tighinn
gu conubhallach air lorg no an deigh a cheile?
Tha. Mar chuis riaghailt, tha e ’n a ni ion-mholta ann an
a 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence