Skip to main content

‹‹‹ prev (6) Page 4Page 4

(8) next ››› Page 6Page 6

(7) Page 5 -
5
naomh-sa.” I. Pead. v. 3: “ Ni mo mar Thighearnaibh os ceann
oighreachd Dlie, ach mar dbream a th’a ’n an eisempleiribh do’n
trend.” Eph. v. 23: “mar is e Criosd ceann na h-Eaglais.”
Mat. xxviii. 28: “ A’ teagasg dboibb gach uile ni a dh’ aithn mise
dhuibh a chum a choimhead.”
X. Cia lion sedrsa luchd-dreuchd a dh’ drduich Criosd ’n a
Eaglais?
Da shedrsa Luchd-dreuchd, ahhaiseach, agus neo-ahhaiseach.
Eph. iv. 11: “ Agus thug e dream araidh gu bhi ’n an abstolaihh;
dream eile gu bhi ’n am faidhibh, agus dream eile, gu bhi ’n an
Soisgeulaichibh, agus dream eile gu bhi ’n an aodhairihh agus ’n
an luchd-teagaisg.”
XI. Co iad ris an abrar luchd-dreuchd neo-abhaiseach ?
Daoine a fhuair cuihhrionn do thiodhlaicean miorbhuileach,
agus ughdarras follaiseach, mar bha na h-abstoil, soisgeulaiche,
agus faidhean.
XII. Ciod am fath mu ’n robh iad sin air an sdnruchadh?
A chum toil Chriosd a dheanamh aithnichte, agus steidh na
h-Eaglais fhaicsinneich a shocruchadh do reir sin; agus chum
eaglais Chriosd bhi air a frithealadh le luchd-dreuchd air mhodh
riaghailteich agus sheasmhaich. Tit. i. 5: “ Air son so, dh’ fhag
mi thu ann an Crete, chum gu’n cuireadh tu an drdugh na nithe
a dh’ fhagadh gun deanamh.” 2 Tim. ii. 2: “ Agus na nithe a
chuala tu uam-sa a measg mhdran fhianuisean, earh thusa na
nithe sin fein ri daoinibh firinneach a bhios iomchuidh gu daoine
eile a theagasg mar an ceudna.”
XIII. An rohh luchd-inbhe’s am bith aca mar oifigich neo-
abhaiseach ?
Cha ’n ’eil sinn a’ leughadh gu ’n rohh buidheann’s am hith
air an sonruchadh gu thighinn an aite nan dreuchdan neo-ahhais-
each ud, mar abstolaihh, mar shoisgeulaichibh, no mar fhaidhibh.
Gniomh. xiv. 23: “ Agus an uair a dh’orduich iad seanairean
dhoibh anns gach Eaglais.”
XIV. Ciod iad an Luchd-dreuchd-eaglais gnathaichte a shdn-
raicheadh le Criosd?
Cleirich, no seanairean, (do ’n goirear mar an ceudna eashuig-
ean, no luchd-amharc thairis) agus deacoinean. Gniomh. xx. 17:
“ Agus chuir e fios o Mhiletus gu h-Ephesus agus ghairm e d’ a
ionnsuidh seanairean na h-Eaglais’.” Philip, i. 1: “ Chum nan
naomh uile ann an losa Criosd, a tha ann am Phillipi, maille ris
na h-easbuigibh agus ris na deaconaibh.”
XV. Ciod a th’ air a chiallachadh le aodhairean na h-Eaglais?
An luchd-teagaisg, no na Seanairean do’n gnath teagasg, co
maith ri riaghladh.
XVI. Am bheil a h-aon diubh so a’ sealhhachadh inbhe agus
ughdarras a’s airde na ’cheile anns an Eaglais?
Cha ’n ’eil. Tha iad gu leir’s an aon inbhe, agus co-ionann ann
an ughdarras.
XVII. Xach ’eil na h-Easbuigean ’n an ard mhinisteiribh air
loth agus fad os ceann mhinisteirean agus sheanairean ?
Cha ’n ’eil. Cha ’n ’eil ann an Easbuig ach ainm eile air a
thoirt do fhear-teagaisg, no do sheanair.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence