Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
18
XXVIII.
Thigeadh uairean bhiodh treun ort, gu d’ bhuadhan a ghleusadh,
Chum uabhas is euchdan an Treun Bhith a sheirm;
Sin shaoileadh luchd d’ eisdeachd gu ’n thaisbean’s na speu-
Am Breitheamh gu greadhnach, le neulaibh is stoirm; [raibh,
’S gu’n chrathar na reultan, ’s an trompaid gu’n sheidear,
’S o’n duslach gu’n d’eirich na mairbh;
’S gu’n thilgear gu leir-sgrios luchd-deanamh na h-eucoir,
’S na naoimh le ard eibhneas’s na neamh gabhail seilbh.
XXIX.
Aig ainaibh co araidh, bhiodh buaidh aig do chrabhadh,
Thar muinntir nach d’rainig air nadur glan nuadh;
Car tamuil’s an aros, do dhealas’s do lath’rachd,
Ghrad dhuisgeadh gu nair iad gu bias agus gluas’d:
Mar thachair do Shaul, air tighinn gu Naiot,
Bha’n Spiorad car la air le buaidh;
’Se m’ eagal an tra so, gur ann mar sud bha mi,
’S gu’n shearg gach deagh bhla dhiom,’s gu’n d’f hagar mi truagh.
XXX.
Mo thruaigh nach cluinn mi, aon nis anns an linn so,
Co milis’s co binn leam, am puinncibh na slaint;
’S a thogas domh m’ inntim’s le eud bheir dhomh pilltinn,
O m’ easantas phuiseant’, ’s o innleachd mo niirnh:
Do theagasg gu’n mhill orm teagasg na muinntir,
Gun teagamh fuair cinnteas air gras:—
Cha bhlasd’ leis a mhuinntir tha cleachta re binn chebl,
Na puirt thig a siunnsar tha ’g iunndrainn a mhail.
XXXI.
Gun teagamh’s ni cinnteach, nach robh anns an linn ort
Am meas sin no’n fhaighneachd a thoill thu san al:—
Cha suilean gun shoillseach, a chitheadh co boisgeil,
’S bha thu a’d shaighdear an campa nan gras:
Gidheadh bha muinntir thug gradh dhuit ’n an inntinn,
’S nach leig as an cuimhn thu gu brach,
Le ’n ionmhuinn bhi cluinntinn do ghrasan a mhill orr
Gach teagasg neo-phuinnceil mu innleachd na slaint.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence