Skip to main content

‹‹‹ prev (5) Page 3Page 3

(7) next ›››

(6) Page 4 - Colophon
1
4> NA H-IASGAIREAN. 216
do chridhe gun deanar feumail e do gach neach a leughas
e. Ma chreideas sinn ann an Criosd, bheir sinn gradh
dha: ma ghradhaicheas sinn e bheir sinn umhlachd dha.
Mothaicbidh sinn, mar a rinn esan, dian-thogradh air son
slainte anamaibh neo-bhasmhor, agus ni sinn gairdeachas
ma’s urradh dhuinn, air chor sam bith, bhi’n ar meadhon
air an sonas siorruith a chair air aghaidh.
Cha’n’eil fhios agam am bheil sibh a deanamh moran
feuin’s duthaich so de ’n Uon-ihairgne. Is e ’n seorsa lion
so a bh’aig’ losa’s an ambarc, an uair a thuirt e, “ A ta
rioghachd neimhe cosmhuil ri lion air a thilgeadh’s an
'fhairge, agus a chruinnich de gach uile sheorta eisg: ni
air dha bhi lan, tharruing na h-iasgairean chum na traighe,
agus air suidhe dhoibh, chruinnich iad na h-eisg mhatha
ann an soithichibh, ach thilg iad na droch eisg a mach.
Is ann mar sin a bhitheas ann an deireadh an t-saoghail:
theid na h-aingil a mach, agus dealaichidh iad na droch
dhaoine o mheasg nam fireanach; agus tilgidh siad iad’s
an amhuinn theintich: an sin bithidh gul, agus snagar-
daich fhiocal, Matt. xiii. 47—50.
Tha ’n cosmhuileachd so ro-chomharaichte, agus faod-
aidh tu a bhrigh a thuigsinn. Tha’n lion tairgne air a
chur’s an uisge, ach fhad’s a ta e aig a’ ghrund, cha ’n
fhaicear ciod a ta ’n a lub. Air an doigh cheudna, tha ’n
soisgeul air a shearmonachadh do na h-uile; ach am measg
na muinntir tha ag aideachadh bhi ’g a chreidsinn dh’
fhaodadh atharrachadh staid a bhi. Cha ’n urradh dhuinn
fhaicinn ciod tha’s a chridhe agus mur dean daoine am
fior staid aithnichte le droch-bheirt Hiollaiseach, faodidh
iad bhi air am meas ’n an creidich le ’n co-chreutairibh
cho math ri dream ele. Ach am bu choir da so neach
sam bith fhagail toilichte? Cha bu choir gu deimhin: oir
•ha dearbh-chinnt againn o ’n t-Slanuighear gur ioma fear-
nidmheil ann an la mor a’chunntais a bhitheas gu siorruith
air a thilgeadh o a lathair. Faic a Bhriathra fein, Mat. vii.
21. Tha deireadh an t-saoghail a tighinn, agus an sin
tairngear an lion a dh’ ionnsuidh na traighe. Air an la sin
bithidh, an ni tha’n traths'neo-fhaicsinneach air a thoirt
ann an sealladh an t-saoghail uile. Bithidh fior staid gach
neach an sin air a dheanamh follaiseach, agus bithidh deal-
achadh,—eadhon dealachadh siorruith air a dheanamh.
Glubgow Religious Tract Society; Depositories, 158, Irongate,
aud 99. Buchanan Street.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence