Skip to main content

‹‹‹ prev (40) Page 28Page 28

(42) next ››› Page 30Page 30

(41) Page 29 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
29
ghabhainn beagan de thoil-inntinn a pheacaidh,
oir am feadh a bhiodh mo bhoid na seasamh
ann am aghaidh bhidhinn fo dhaorsa cho mbr
sa’s urrainnear a smaointeachadh.
Mu’n am sin chaidh midh’ionnsaidh co-thional
a bha fagus domh far an robh S&cramaid
suipeir an tighearna gu bhi air a frithealadh,
cha b’ann a chum agus gu’n compairtichinn
de ’n t-suipeir, oir bha mi neo-iomchuidh air
son a leithid sin de dh’brdugh. Ann an so
bha mo chogais gu mor air a dusgadh leis an
teagasg a chuala mi a thaobh gu’n dhearbhadh
orm leis an teagasg sin, a dhaindeoin gach
ath-Ieasachadh a rinn mi gun robh mo staid
fathast gu dochair. Air dhomh a bhi tighinn
dhachaigh m’u bidhche thuit mi ann an triob-
laid mhbir, agus a thaobh nach robh duine
gabhail na slighe coladh rium dh’fhuirich mi
uine mhath de’n bidhche air an rathad, air
uairean a’ gul, agus air uairean ag urnaigh, agus
air uairean eile ga mo thilgeadh fein air an
talamh gu’n churam agam ciod an dochann
a dh’fhuiligeadh mo chollainn. Fa-dhebigh
thainig.mi dhachaigh sgith le mo thuras agus
trioblaid m’inntinn. Cha mhath a tha cuimhne
agam co leis a bha m'inntinn air a ciuineachadh
an deigh na stoirm so, ach tha cuimhne mhath
agam air an so nach do mhair e fada ’nuair a
fhuair mi suaimhneas brbig’ eigin a dh’ aon
chuid le amharc air m’ais air ni-eigin math
a rinn mi, no le amharc romham air nithibh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence