Skip to main content

‹‹‹ prev (393) Page 313Page 313

(395) next ››› Page 315Page 315

(394) Page 314 -
314
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
’S na’m biodh againn mur bu dual duinn,
Lann chinn-Ilich air ar cruachainn,
A’ sgoltadh nan ceann g’a ’n guaillean,
Ga’m bualadh le smuais nan dorn.
A ri ! gur aotrom, <J'C.
Gum bail Albainn agus Sasunn,
An guaillean a cheill’ an ceart-uair,
Tha iad aig fuaim an aon fhacail,
Mar shrad eadar clach a’s brd.
A ri! gur aotrom, fyc.
Dh’ fhalbh thu mar shiaoightear air chuan,
Mu ’n d’ amhairc sinne mu ’n cuairt oirun,
’S ged thug thu Hanobhar bhuainn,
Ge b’ oil leat cha d’ fhuair thu ’n t-dr.
A ri ! gur aotrom, fyc.
Ach ma gheibh sinn ann an sas thu,
’N dearbh cha ’n fhaigh thu moran dalaeh,
Do chrochadh an la-’r-na-mhaireach,
Le fiach cota-bhain a rdp.
A ri ! gur aotrom, <£c.
Ged thig thu air tir an Albainn,
’N dochas losgaidh agus marbhaidh,
Tha againne suas de dh’ armailt,
Na shracas t eanchainn agus t-fheoil.
A ri ! gur aotrom, fyc.
Tha saighdeirean Earraghaeil,
Fearachail, foghainteach, daicher,
’S ehuireadh iad eagal a bhais,
Air h-uille nkmhaid a ta bed.
A ri ! gur aotrom, fyc.
Na’m b’aithne dhomh-sa seanachas ort,
Na leanamhainn air do fhriamhaich,
Gu molainn thu gu dicheallach,
’S air m’fhacal b’fhiach dhomh dhianamh.
Fear-dubh,fear-dubh, £c.
’S tu ceaun na teaghlaich onarich,
A bha’n Gleann-nogha riamh sibh,
’S gu’m meal thu fein an stoile sin,
’S do dheagh mhae oighre ’ liathadh.
Fear-dubh,fear-dubh, fyc.
Cha’n aithne dhomh’s na criochan so,
(’S cha mhis’ a theid ga t-fhiachain)
Aon duine a chumas seanachas riut,
’S gun chearb bhi tighinn o d’ bhial air.
Fear-dubh, fear-dubh, ^c.
Cha smaoinich iad, ’s cha’n urrainn ami
Aon duine chunnaic riamh thu,
Cho deis’s a thig na facail ort,
’S nach fhad’ theid thu ga’n iarraidh.
Fear-dzibli, fear-dubh, <|-c.
’Nuair a thain’ an t-Olla Sasunnach,
Thoirt maslaidh ’n aird an lar so,
Gur tusa phill gu h-uliamh e,
’S tu b’urrainn dhol g’a dhianamh.
Fear-dubh, fear-dubh, <|'C.
Gur luinneagach am bail’ agau
Le ath-ghairm nan liath-chreag,
A’ freagairtt do na smebraichean
Gu milis, ceolar, tiamhaidh.
Fear-dubh, fear-dubh, fyc.
Gu siubhlach, aghar, freagarach.
Gun stad, gun sgread, gun sgriachan,
’Sa mhoch-thra’, ’nuair a dhuisgeas tu,
Air madainn chiuin, ’sa ghrian ann.
Fear-dubh, fear-dubh, SfC.
D U A N A G
DO MAC-AN T-SAOIR GHLINNE-NOGHA.
LUINNEAG.
Fear-duhh, fear-dubh, fear-dubh, fear-dM
Fear-dubh, fear-dubh, 's e liath-ghlas,
Fear-dubh, fear-dubh, 's a chridhe gheal,
Le Spiorad glan gun iargain.
’Nuair dhireadh tu na Lairigean
Led’ ghunn’ ad’ laimh, ’s le d’ mhiol-choin,
Gu’n leigte feidh san fhireach leat,
’S do ghillean bhi toirt bhian diu.
Fear-dubh, fear-dubh, fyc.
Ach’s eigin domh so innseadh dhut,
’S o’s fior e, na gabh miotlachd,
O’n t-shin thu ris a chiobaireachd
Gun leig thu cheaird s’ air diochuimh
Fear-dubh, fear-dubh, Sfc.
n.
Thoir beannachdan le durachd uam,
Gabh ciiram, ’s na dean diochuimhn’,
A’s giuiain iad a dh’ionnsaidh ’n fhir,
A’s deise, grinne briatharan.
Fear-dubh, fear-dubh, fc
Nam bithinns’ ann sa chiiirt a nis.
’S gach ciiis a bhi gum’ riaghladh,
Bhiodh Cruachan le chuid leitirchean
A* tighinn a staigh fo d’ chriochan.
Fear-dubh, fear-dubh, §0.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence