Skip to main content

‹‹‹ prev (392) Page 312Page 312

(394) next ››› Page 314Page 314

(393) Page 313 -
BARD LOCH-NAN-EALA.
313
’Nuair shin mi mo lamh,
Gu mo ghradh tharruinn dlu rium,
Cha robh ann ach sgaile,
Rinn m’ fiiagail ’nuair dhiiisg mj.
Bi'dh fonn, fyc.
Mo dhurachd do’n ribhinn,
Dh’ fhag m’ inntinn-sa craiteach
Bean t-aogais cha leir dhomh,
La-feille na sabaid.
Do bheusan tha ceutach,
As t-eudainn ro narach,
Ach’s truagh mi thug gaol dut,
’S nach faod mi bhi lamh riut.
Bi'dh fonn, fyc.
O furtaich air mo chas-sa,
A ghraidh bhan an t-shaoghail,
Tuig mar tha mo nadur
An sas aig do ghaol-sa.
Na fag mi mar tha mi
Dol bas leis an fhaoineachd,
’S gur tu stagh mo riaghailt,
Mo bhiadh agus m' aodach.
Bi'dh fonn, fyc.
’S muladach mi daonnan,
Do ghaol rinn mo lednadh",
Dh’ fhalbh mo dhreach as m’aogais,
A’s chaochail mo sholas.
Cha’n ’eil ait’ an teid mi
Nach saoil mi le gbraich,
Gum beil mi faicinn t-aodann,
A’s aoidh oirr’ an conaidh.
Bi'dh fonn, fyc.
Chualadh tu mar tha mi,
Gur bas domh as t-aogmhais,
Tiondadh ann am blath’s rium
’S na fag aig an aog mi. ■
Thig a’s thoir do laimh dhomh
Do ghradh, a’s do chaoimhneas,
S cha ’n iarr mi tiull’ a chairdeas,
No dh’ ailleas an t-shaoghail.
Bi'dh fonn oirre daonnan,
'S bi'dh aoidh oirr' an cbnaidh,
'S dh' fhagadh to’ inntinn aobhach
Bhi faicinn t-aodainn bhoidheach,
Le mhiad s'a thug mi ghaol dut,
A's aotromas na h-oige.
Mar a dean mi t-fhaotainn,
Clta'n fhad' a ghaoU is bets mi.
ORAN DO BHOINIPART.
LUINNEAG.
A ri ! gur h-aotrom leinn an t-asdar,
Biodhnaid sunntach air bheag airtneil,
Dhol an cbdhail Bhoiniparti,
Chionn bhi bagairt air righ Dears.
’Illean cridhe biodhmaid sunntach,
Seasamaid onair ar duthcha,
Fhad sa mhaireas luaidh’ a’s fudar,
Ciod a chuireas curam oirnn.
A ri! gur aotrom, fyc.
Thoisich thu oirnn o cheann fada,
Le bbsd, le bdilich, ’s le bagradh,
’S ma thig thu air tir an Sasunn,
Cha teid thu dhachaigh ri d’ bbeb.
A ri ! gur aotrom, <Jc.
Ged theannadh tu fhein’s na Frangaich,
Ri tigh’n a Bhreatuinn le d’ chabhlaeh,
Cuiridh sinn a null gun taing thu,
’S b’fhearr dhutfuireach thall led’ dheoin.
A ri ! gur aotrom, fyc.
’Nuair chuir thu ’n Fhraing thair a cheile,
Dh’ fhalbh thu mur shlaoighteardo’n Eipheit,
’Nuair a chaill thu ’n coig-ciad-deug,
Gun theich thu fhein air eigin bed.
A ri! gur aotrom, S(c.
Bha luchd nan adaichean croma,
Na ’n laidhe air blar g’a ’n lomairt,
’S e mo dhiubhail bh’ anns a choinneamh,
Nach d’ fhan Abercrombi bed.
A ri! gur aotrom, fyc.
An t-seann reisimeid dubh mheasail,
An dara te sa ’n da-fhichead,
Nuair fhuair i suas riut a chlisgeadh,
Chuir i bristeadh ann ad chrd.
A ri ! gur aotrom, SfC.
Nis dh’ eirich na Volunteers,
’N onair an righ’s mhorair Iain,
Chur nam Frangach gu ’n cridhe,
Chionn bhi bruidhinn tigh’n d’ ar coir.
A ri ! gur aotrom, fyc.
O ’n fhuair sinn deise nan Ghel,
Boineidean’s cotaichean sgarlaid,
Suaithcheantas an righ mar fhabhar,
Le coc-ard de dh’ ite ’n eoin.
A ri! gur aotrom, Ac.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence