Skip to main content

‹‹‹ prev (388) Page 308Page 308

(390) next ››› Page 310Page 310

(389) Page 309 -
AILEAN BALL.
309
AM FEAR.
Shaoil mi bbean gu ’n robh thu baindi,
A’s nach biodh sannt gu tuasaid ort:
Ge do dh-fhasainnse cho faun,
’S nach tionndainn air do chluasaig riut;
Air leam fein nach eil thu ’n call,
’S do chlann a chuir ri ghuaillibh dhut;
’S ma dh-fhas thu guinideach nad’ cheann,
Gur bean tha ’n geail air buaireadh thu.
a’ bhean.
’S arin agam-sa bba’nceannfath,
Nuair chithinn each a’ cluaineis riut;
Chaidh a’ chuis bho fhaladhii,
A’s cha robh sta bhi d’ bhuachailleachd ;
Ged a's mis’ a ghlac do lamh,
Bha te no dha nach b’ fhuathach leat :
’S ma chosg thu riutha do liunn-tath,
Tha nis’ am failt air fuarachadh.
AM FEAR.
Dh-aithnich thusa sin ort fein,
A bheudag dh-fhas thu suarach orm :
Chaill thu nise dhiom do speis,
’S cha ’n ’eil do reite buan agam :
• Bho ’n a chaidh mise nis’ bho fheum,
’S e ’n t-eud a rinn do bhualadh-sa :
’S moch ’sa mhadainn chuir thu ’n ceill domh,
Nach robh m’ eiridh suas agam.
a’ bhean.
Is fhir gun sta, gun rath, gun direadh,
Na bi ’g innse tuaileas orm :
Nam bidh tusa dhomhsa dileas,
Cha robh m’ inntinn bruailieanach :
Ach’s e bu mhiaun leat a bhi briodal,
His gach ribhinn chuaileanaich :
’S iomadh ribein agus cir,
A’s deise chinn a fhuair iad bhuat'.
am fear.
Ach c’aite ’n fhuair thu mi ’sa sgath,
Na’m faca tu ’g an tuairgneadh mi,
Cha robh mi m’ mheirleach cho math,
’S nach glaca’ tu mi uair-eigin :
’S ma fhuair thu taisgeuladh no brath,
’S e’s fhasa chuir a suas orm,
S na caraich air a mhuin do chas,
Ach leig a mach na chuala tu.
a’ bhean.
’S ma chuireas tu mi gu m’ dhubhlan,
Bithidh a chuis na’s cruaidhe dhut:
Gheibh a’ ministeir an t-umhladh,
A’s theid an luireach shuaicheant ort;
Linnseach, mhaslach air a dubladh,
Leis gach dunadh tuaisgearra :
’S ge do bhithinns’ air do chul-thaobh,
Air son crun cha ’n fhuasglainn i.
AM FEAR.
Ach gus an cairear mi’s an uir,
Cha ’n fhaic do shuil mu m’ ghuaillean i,
S ma thig do naidheachd os ceann buird,
Cha chliu dhut a bhi luaidh sin rium ;
A’s ge do lasadh t-fhearg le diumb,
Cho ghrad ri fudar buaireasach,
Cha chomhdaichear leat orm-sa chuis,
Nach iunnsaich mi le h-uaibhreachas.
a’ bhean.
’S cha mhor nach coma leam co dhiu,
Cha robh do thurn ach suarach leam :
’S an a’r a b’ fhearr a bha do shugradh,
Chunntainnse na h-uaireannan ;
Chaidleadh tu cho trom gun diisgadh.
Air mo chul le smuaisirein :
’S ge do bhiodh mo thaigh ’ga rusgadh,
Cha robh curam gluasaid ort.
AM FEAR.
’S bheirinn comhairle gu h-eolach.
Air gill’ og tha fuasgailteach ;
E bhi glic ri am a phosaidh,
’S laidhe seolta suas rithe :
’S gun droch cleachdadh thoirt ’g a dheoin,
Do ghdraig nach biodh stuaim innte,
’S gun fhios nan lagaicheadh a threbir,
Nach ordaicheadh i bhuaithe e.
a’ bhean.
Am fear nach dean a threabhadh trath,
’S a mhairt ged bhiodh e fuar aige,
S culaidh mhagaidh e chion sta,
’S ri latha bhath cha bhuain e dias;
Bithidh am fearann aige fas,
Na stiallan bana, ’s luachair air,
A’s e-san broinein! a’ dol bits,
’S na saibhlean lan aig tuathanaich.
AM FEAR.
’S cha ’n fheud mo threabhadhsa bhi mall,
S do chall ri dheanadh suas agam ;
Bheir mi oigeich as a’ ghleann,
’S theid cuing gu teann mu ’n guailleannsa :
A’ Dun-eideann gheibh mi crann,
’S e fasan gallda’s usaile leinn ;
Collar, stailinn, soc, a’s bann,
’S gach ball bhos ann theid cruaidh on a.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence