Skip to main content

‹‹‹ prev (387) Page 307Page 307

(389) next ››› Page 309Page 309

(388) Page 308 -
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
308
’S ge do dheanainn stop a thraghadh,
Maille ri cuideachda chairdeil,
’S mairg thu ’mhaoidheadh orm gu brach e,
Ged do phaidhinn crotag ris.
O tionndaidh rium, <| c.
Ge do dh’ olainn lan an taomain,
Thiginn dachaigh cridheil, gaolai-h ;
’S cha bu chuis gu taigh a sgaoileadh,
Ge do ghlaodhainn botul dheth.
O tionndaidh rium, c| c.
Ge do labhair thu’s gach doigh rium,
Dh’ aindeon aon ni riamh a dhbl mi,
’S geal do churrachd, ’s dubh do bhrogan,
’S dionach, comhnard, socrach, iad.
O tionndaidh rium, <| c.
Ge do dh’ fhanadh tu air t-eolas,
Gun tigh’nn riamh a nail d Cnuideart,
Gheibhinn te le beagan storais,
Bhiodh cho boidheach coltas riut.
O tionndaidh rium, <^c.
Ach sin ’nuair a labhair ise :—
“ Smitbich togail dhoit a nis’,
Chhin thu thu fein, ’s dhit thu mise ;
’S misd thu nach ’eil fosadh ort.”
O tionndaidh rium,'&j;c.
GEARAN NA MNATHA AN
AQHAIDH A’ Flit, AGUS IAD A FREAGAIRT A CHEILE.
fonn—“ 'S muladach mi fKin's mo Dhbmhnnll."
■ A’ Bhean,
’S cia mar dh-fhaodas mi bhi beo,
’S an duine breoite, truagh again ?
Tha e-san sean, agus mis’ 6g,
’S ann aig’ tha ’n corr mar chuala mi:
Ge do laidheas mi ’ga choir
Tha bhial ’sa shroin air fuarachadh,
'S gur mor a chulaidh ghrain a phog,
Le fhiasaig mhoir ’g a suathadh rium.
AM FEAR.
O ! bhean, cha ’n ’eil do labhairt ceart,
Bha neart annam ’n uair fhuair thu mi ;
Dheanainn mire, mvlirn, a’s macnus,
A’s ghleachdainn ris na gruagaichean :
Sean-fhacal a dh-fhaodar innse,
Sgeula tior a chualas e :—
“ Cha lean an sionnach air a shior-ruith,
’S bithidh e sgith dheth uair-eigin.”
a’ bhean.
'S dona ghreis a mhair thu dhomhsa,
A’s cha b’e’m posadh buadhail e ;
Dh-fhalbh do mhisneach, ’s do threbir
An uair bu choir dhut cruadhachadh ;
Ged bhiodh tu da-fhichead’s corr,
Cha b’ aois ro mhor an tuairmeachd sin ;
’S gur lionmhor fear nach ’eil cho dg riut,
Chuireas por mar thuathanach.
AM FEAR.
Dheanainn cliathadh, ’s chuirinn crann,
Na’ faighinn earlaid luathaireach,
Agus cuideachadh ri bantraich,
’S gheibhinn taing, a’s tuarasdal;
Ge do chaidh mi nis a pris,
Bho ’n tha mi tinn air uaireanan ;
Gu ’n robh mi roimhe’m sgalaig ghrinn,
’S bu mhor ’ga d’ dhi na fhuair thu dhiom.
a’ bhean.
’S a h-uilc cas an robh thu riamh,
Bha teang’ ad bhial a dh’fhuasgladh ort ;
Na’n creideadh gach neach do sgiala,
Dhianadh tu na cruachan domh :
Ach caite faca sinn do ghniomh,
Nam fiachta ris an riimhar thu ?
Bha do dhruim ’s do lamh cho diomhainn,
Sid an giomh a fhuair mi dhut.
AM FEAR.
O ! bhean, nach labhair thu gu foil,
Cha ’n ’eil do chomhradh buannachdach :
’S ma thionndas tu rium a choir,
Bheir mise ’n corr nach fhuair thu dhut ;
Glacaidh mi siiiste ’ann am dhdrn,
’S air urlar comhnard buailidh mi,
Bho airde na sparra nuas gu lar,
’S cha ’n fhag mi grainn air sguaib agad.
BHEAN.
’S na ’n togadh tu ort a chroit sin,
Choisneadh tu do dhuais orm :
Cha chluinnte gu brach mis’ ’g osnaich,
A’s nochdainnse mo shuairceas dhut ;
Chuirinn an t-im ann sa bhrochan,
A’s chumainn deoch an uachdar riut ;
’S chaidleamaid gu samhach socrach
’S cha bhiodh sprochd no gruaim orm.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence