Skip to main content

‹‹‹ prev (330) Page 250Page 250

(332) next ››› Page 252Page 252

(331) Page 251 -
DONNACHADH BAN.
251
Ged’ thuirt Callum breac
Nach robh thu tapaidh riamh,
Co a chreideadh sin
Ach duine bha gun chiall?
Alasdair nan stop, Qc.
’Nuair a theid mi Ghlascbo
’S taitneach leam bhi ’g ol,
Ann an taigh mo charaid
Alasdair nan stbp.
Alasdair nan stop, 4'C.
N1GHEAN DUBH RAINEACH.
Am fonn—“ Cuir a chinn dileas."
Chuir nighean dubh Raineach
Orm farran a’s miothlaehd,
Nach cuir mi dhiom
Le cabhaig an drast,
Ghoid i mo sporan,
’S na doilair gu lionmhor,
Bh’ agam fos n-iosal
Feitbeamh ri m’ laimh.
Nam biodh a chail’ ud
Gu daingeann am priosan,
Kachainn g’a diteadh
Dh’ionnsaidh a bhais ;
A chionn gu’n do ghoidh i
’N rud beag bha sa chludan,
Bh’ agam sa’ chuil
Nach d’ innis mi chach.
’S muladach raise
Gun fhios ciod a ni mi,
O’n a tha mi
Gun searrach, gun lair,
Gun chaora, gun bisg.
Gun ghabhar, gun mhiseach.
Gun a mart min
A chrimeas am War.
Cha robh mi gun airgead
Gus an d’ fhalbh e gu mi-mhaii,
Leis an te chrion
Nach d'amhairc air mo chiis ;
Bion i mo chreachdadh
’S bu pheacach an ni dh’i
Mise chuir sios,
Gun i fein chuir an aird,
Cia mar a cheananicheas mi
Camraig na side ?
Na ’n leig mi dhiom e
Tuilleadh gu brath?
Ged’ thig a marsant
Le phaca do’n tir,
Cha ’n ihaigh sinn aou slon
Bhios aige air dail.
Bha mo chuid stbrais
Am phbca cho uallach,
’S ged a bhiodh buaile mhart
Air mo sgitth ;
’S i rinn an eucoir
A bheisd a thug uam e,
•S tha mi fo ghruaim
’O mhadainn Ui-mairt.
A righ nach robh mearlaich
Na cearna so’n rioghachd,
Anns a mhuir iosail,
Fada bho thraigh ;
Is caile dhubh Raineach
’S an fheumain an iochdar,
Chuideacha bidh
Do phartan nan spag.
RANN GEARRADH-AUM.
Chuna’ mi ’n diugh a chlach bhuaghach,
’S an leug aluinn,
Ceanglaichean de’n dr mu’n cuairt dh'i
Na chruinn mhailleadh ;
Bannan tha daingean air suaicheantas
Mo chairdean,
A lean gramail ra’n seann dualehas
Mar a b’ abhaist.
Inneal gu imeachd roimh chruadal,
Le sluagh laidir,
Fir nach gabh giorag no fuathas,
Le f'uaim lamhaich ;
Fine is minig a ghluais
Ann an ruaig namhaid,
Nach sireadh pilleadh gun bhuannachd,.
No buaidh larach.
Bha sibh uair gu grinn a sedladh
Air tuinn saile,
Chaidh tarrunn a aon de bhdrda
Druim a bhata,
Leis a chabhaig sparr e ’n ftrdag
Sios na h-aite,
’S bhuail e gu teann leis an drd i,
’S ceann dh'i fhagail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence