Skip to main content

‹‹‹ prev (329) Page 249Page 249

(331) next ››› Page 251Page 251

(330) Page 250 -
250 SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
ORAN A BHRANNDAI.
LUDOTEAG.
Di-haal-lum, Di-haal-lum,
Di-i-il-i’U, hanndan,
Di-dir-ir i-hal-hi'-il-lum,
Di-dir-ir-i had haoi-rum;
Di-i'il-lud dir-ir-i,
Ha-ri-ha’al-haoi-rum,
Di-Vilrhaal-dU-ilriU,
Dor-ri-ho' ol-hann-dan.
Tha fortan ann bi deoch againn,
Na biodh an copan gann oirnn,
Tha paillteas amis na botalaibh,
Cha’n ’eil an stoc air chall oirnn ;
’S feairrde sinn an toiseach c,
Gu brosnachadh ar cainnte,
Ged’ bhiodh a h-uile deoch againn,
’S e’s docha leinn am Branndai.
Di-haal-lum, 4'c.
’S e sinn an sruthan mireanach,
An tobair millis seannsail,
Tha binneas mar ri grinneas
A chuir spiorad am fear fann aim ;
’S feairrde sinn na shireas sinn,
Cha chulaidh mhilleadh cheann e ;
’S ro mhath ’n seise muineil
Do gach duine ghabhas rann e.
Di-haal-lum, 4-c.
Na fir anns am beil cridhealas,
Nach ’eil an cridhe gann ac,
Companaich na dibhe,
A ni suidhe leis an dram iad ;
larraidh iad a rithisd e,
Mu bhitheas beagan ann deth,
Nuair chluinneas iad an fhidheall,
Bi’ iad fighearach gu damhsa.
Di-haal-lum, fyc.
’Nuair gbeibh sinn de na barrailean,
Na’s math leinn fa’r comannda,
Na cupain a tha falamh
Bhi le searraig a cuir annta ;
Gach caraid bhios a taitneadh ruinn,
Gu’in b’ait leinn e bhi cainnt ruinn,
Nuair thig a ghloinne bhasdalach,
Air bhlas an t-siucair-c/ianndat.
Di-haal-lum, <Jc.
Cha chunnart duinn e theireachdainn,
Tha seileir aims au Fhraing dheth ;
Cha’n eil eagal gainne
Air na loingeas thug a nail e ;
Their sinne on bu toigh leinn e,
Nach dean a choire call oirnn;
Air fhad’s ga’n dean sinn fuireach ris,
Bhi gabhail tuille sannt air.
Di-haal-lum, Qe.
Na fir a tha na ’n sgrubairean,
Nach caith an cuid’s an am so,
Cha’n imir iad bhi cuidirinn,
Na’n tubaisdean le ganntar ;
Cha sir iad dol an cuideachd,
A’s cha’n iarr a chuideachd ann iad;
Mar cuir am burn am paghadh dhiubh,
Cha’n fhaigheadh iad am Branudai.
Di-haal-lum, S^c.
ALASDA1R NAN STOP.
LU1NNEAG.
Alasdair nan slip
Ann an srdid a chuil.
Sin an duine coir
Air am beil mo rim.
’S coma leat an siola,
B’annsa leat an stop,
Cha’n e sin bu dochadh
Ach am botal mor.
Alasdair nan stop, <$'c.
Theid thu do’n taigh-dsda,
’S dlaidh tu gu fial;
Cha robh gainne storais
Air do phbca riamh.
Alasdair nan slip, Qc.
Bha thu greis dheth t-aimsir
Ann an arm an Rlgh,
Cumaidh sin riut airgead,
’S fhearra dhut e na ni.
Alasdair nan stop, $c.
Gheibheadh tu led’ cheanal
Leannan anns gach tir,
Ged’ a bhiodh tu falamb
Cha bhiodh bean a’d’ dhi’.
Alasdair nan stop, Qc,
Tha thu math air fairge,
’S trie thu marbhadh eisg,
Cas a shiubhal garbhlaich,
Theid thu shealg au theidh.
Alasdair nan stop, Qc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence