Skip to main content

‹‹‹ prev (280) Page 200Page 200

(282) next ››› Page 202Page 202

(281) Page 201 -
ROB BONN.
201
Bi’dh gach doire dubh uaigneach,
’N duil fuasgladh o bhlath ;
Bithidh an snodhachd a’ traoghadh,
Gus an fhreumb as na shin e,
Crupaidh chairt ris gu dionach,
Gus an crion i gu lar ;
’N lon-dubh anus a’ mbadainn,
Sior sgreadail chion bliiths.
Mhios dheitheasach, chaoile,
Choimheach, ghaothach, gun bhlaths’,
Chuireadh feadail na fuarachd,
Anns gach badan bu dualaich’,
Dhbirteadh sneachda ’n a ruathar,
Air chruach nam beann ard’,
’S an am teichidh na greine,
Caillidh Phoebus a bhlaths'.
Mhios chaiseaneach, ghreannach,
Chianail, chainneanach, gheairt’,
’S i gu clachanach, currach,
Chruaidhteach, sgealpanach, phuinneach,
Shneachdach, chaochlaideach, fhrasach,
Rebtach, reasgach, gu sar ;
’S e na chaoirneinean craidhneach,
Fad na h-oidhch’ air an Fir.
’S ann bhios Phoebus ’n a redtachd.
An ceap nam mor chruach's nam beann ;
Bidh’s an uair sin >s cha neonach,
Gach eun gearra-ghobach goineach,
Spioladh iomall an otraich,
Cur a shrbin anns an d;im ;
Cdmhradh ciurrta gun bheadradh,
Le bron a’s sgreadal 'n an ceann.
’S an am tighinn an fheasgair,
Cha bhi an acaras gann ;
Ni iad cdmhnuidh’s gach callaid,
Buileach anmhunn a’s callaidh,
Sgriobadh iiir as na ballaibh,
Mios chur doinionn nan gieann,
’S iad a’ beucail gu toirmneach,
'S cha bhi 'n eirbheirt ach mall.
Ach nach daochail's a’ gheamhradh,
Fann gheim gamhna chion febir,
Gnugach, caol-dromach, fearsnach,
Tioram, tarra-ghreannach, brsaidh,
Bioiach, sgreamhanach, fuachdaidh,
Siltean fuaraidh r’ a shrdin,
’S e gu sgrog-laghrach gagach,
Fulang sarach’ an redt.
Bidh gach creutair d’ a threisead,
’G iarraidh fasgaidh's a’ choill,
Bidh na h-urlaichean cabrach,
Gnusdacb, airtnealach, laga,
Gabhail geilt dheth na mhadainn,
Le guth a’ chneatain *n an ceann.
Is na h-aighean fo euslaimh,
Air son gun threig iad a’ bheinn.
Sud na puirt bu ghoirt gearradh,
Is bu shalaiche seinn,
Ghabhadh m’ inntinn riamh eagal,
Roimh bhur sgreadail's a’ mhadainn,
’N bm a’ chruidh bhi air ghadaibh,
’S an cuid fodair 'g a roinn,
'S iad 'n am baideinibh binniceach,
Gu h-usruidh, tioma-chasach, tinn.
Am bradan caol bharr an fhior uisg’,
Fliuch, slaod-earballach, fuar,
'S e gu tarr-ghlogach, ronnach,
Chlamhach, ghear-bhallach, lannach,
Soills na meirg’ air ’n a earradh,
Fiamh na gainn’ air's gach tuar,
’S e gu crom-cheannach, burrach,
Dol le buinne ’na chuaich.
An t-sambainn bhagarach, fhiadhaich,
Dhubhrach, chiar-dhubh, gun bhlht'ds,
Ghuineach, ana-bhliochdach, thuachdaidh,
Shruthach, steallanach. fhuaimneach,
Thuileach, an-shocrach, uisgeach,
Gun dad measaich ach cal,
Bithidh gach deat, a’s gach miseach,
Glacadh aogais a’ bhais.
Note,—This song appears to be a parody on twelve of the
stanzas of M’Donald’s “ Ode to Summer."—“ We are in¬
clined to think that on a journey the poet made to the
Isle of Skye, he might have heard M’Donald’s ‘ Summer
Song* and composed this in imitation of it.”—Memoir to
Edit. 1829.
’S TROM LEAM AN AIRIDH.
[Rinn am bard an t-bran so d’ a leannan, Anna Moir-
iston, nighean 6g ro chlibiteach, d’ an tug e cheud ghaol;
bha e fada ’g a h-iarraidh, agus ise car leam-leat, gun bhi
’g a diilltadh no ’g a gabhail; ach turus a thug e chun na
h-airidh far an robh i aig an am, ’s ann a dhearc e oirre an
cuideachd an t-saoir bhain, d’ am b’ ainm Iain Moraidh,
ghabh e gu ro.throm i a chur citl ris fein. Phbs i an saor
bdn an deigh so, agus ’se aithris an t-sluaigh—nach
robh i riamh toilichte gu ’n chuir i cfll ri Rob Donn ;
agus cha mho a dhearbh an saor tan e fein ’n a cheile ro
thaitneach.3
’S trom learn an iiiridh,
’S a ghair so a th’innt’,
Gu’n a phairt sin a b’abhaist,
Bhi ’n drasd air mo chinn ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence