Skip to main content

‹‹‹ prev (278) Page 198Page 198

(280) next ››› Page 200Page 200

(279) Page 199 -
ROB BONN,
r
i
An tuigs’ bu luchdmhoir’ gu gleidheadh,
An toil a b’ easgaidh gu matheadh,
’S na h-uile h-aigneadh cho flathail,
Fad do bheatha gu leir.
Bhiodh do chomhaiil’ an cdmhnuidh,
Le do chobhair’s do chiimbnadh,
Do luchd-gabhail na cbrach,
Reir’s mar shebladh tu fein ;
Dheanadh tu ’n t-aindeonach dedtiach,
Is an t-aineolach edlach—
’S b’ efior shonas do bhedshlaint,
Bbi tabhairt cdrr dhaibh de loirs’.
Bha thu caomh ri fear feumach,
Bha thu saor ri fear reusont’,
Bha thu aodanach, geurach,
Mar chloich, ri eucoireach, cruaidh ;
Bu tu ’n tabhairteach maoineach,
Bu tu ’n labhairteach saoithreach,
Bu tu ’n comhairleach timeil,
’S crioch a’ ghaoil ann ad fhuath ;
Tha e ’n a ladarnas gabhaidh,
Bhi le h-eagal ag aicheadh,
Nach ’eil stoc aig an Ard-Righ,
Ni an aird na chaidh uainu ;
Ach’s fabhor Freasdail, ’s a’s ioghnadh,
No ’n ni a’s faisge do mhiorbhuil,
Am beam so th’ againn a lionadh,
Gu bias miannach an t-sluaigh.
Leam is beag na tha dh’ fhoighneachd,
Mu na thubhairt, ’s na rinn thu,
’S mu na chliu sin a thoill thu,
O ’n la chaill sinn thu fein;
Ach miiran tartar is stroighlich,
Air son feich, agus oighreachd,
Fagaidh beartaich murfhine e,
Air an cloinn as an deigh ;
’S e ni a ’s minig a chi mi,
Dh’ aindeoin diombunachd time,
Gu m beil gionaich nan daoine,
Tarruinn claonadh ’n an ceill ;
Ach cha ’n ’eil iomairt no motion,
Anns na freasdail so dhomhsa,
Nach toir leasan ’n am chddhail,
Le seann not bho do bheul.
Toigheach, faicilleach, fiamhach,
Smuainteach, facalach, gniomhach,
Ann do ghnothachaibh diomhair,
Gun bhi diomhain aon uair ;
Chaith thu t-aimsir gu saoithreach.
Air son sonas nan daoine ;
’S cha V e truaillidheachd shaoghalt
No aon ni chur suas.
’Nuair tha nitheana taitneach,
Dol a mugh’ a chion cleachdaidh,
B’ e chuis fharmaid fear t-fhasain,
’S cha b’ e beartas a’s uaills’,
A’ dol o ’n bheatha bu sheirbhe,
Tre na cathan bu ghairbhe,
Dh-ionnsuidh Flaitheas na tairbhe,
Gu buan shealbhachadh duais.
Gu’m beil cealgaireachd chrabaidh,
Air a dearbhadh gu gabhaidh,
Tha ’n a gairisinn r’ a claistinn,
Is ro chraiteach r’ a luaidh ;
Nuair a thuit thu le has bhuainn,
Mar gu’m briseadh iad braighdean,
Dhiiisg na h-uilc sin a b’ abhaist,
A bhi an nadur an t-sluaigh ;
Gu’m beil cath aig an Ard-Righ,
Gu bhi gabhail nam piiirtean,
Anns na chruthaich e griisan,
Thug air aghairt gach buaidh ;
Rinn sud sinne ’n ar fasach,
Anns an talamh-s’ an trii so,
So a’ bharail th’ aig pairt diubh,
Trie ’g a ratainn air t-uaigh.
An duine thigeadh a suas riut,
Ann an guth’s ann an cluasan,
Cha ’n fhacas riamh a’s cha chuaias.
Is’s e mo smuaintean nach cluinn ;
Ged bu bheartach do chrabhadh,
Bha do mheas air gach talann,
’S tu a thuigeadh na dana,
’S am fear e dheanadh na rainn ;
Chuid a b’ airde’s a’ bhuaidh sin,
Tha’d air stad dheth o ’n uair sin,
Ach na daiseachan suarach,
Tha mu ’n cuairt duinn a’ seinn ;
’Nuair a cheilear a’ ghrian orr’.
Sin ’n uair ghoireas na biastan,—
Cailleach-oidhch’ agus strianach,
An coilltean fiadhaich, ’s an glinn.
’S ebl domh daoine’s an aimsir-s’,
Dh-fhas ’n an cuideachd gle ainmeil,
Tigh’nn air nitheanan talmhaidh,
Ann an gearrabhaireachd gheur ;
Ach ’n uair thogar o ’n lar iad,
Gus na nithibh a’s airde,
S ann a chluinneas tu pairt diubh,
Mar na paisdean gun cheill;
Fhuair mi car ann do rianaibh-s’,
Le do ghibhtean bha fialaidh,
Nach do dhearc mi, ma’s fior dhomh
An aon neach riamh ach thu fein,—
Cail gach cuideachd a llonadh,
Leis na theireadh tu diomhan,
’S crioch do sbeanchais gun fhiaradh,
Tighinn gu diadhaidheachd threun.
Bha do chuid air a sgaoileadh
Gu bhi cuideachadh dhaoine,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence