Skip to main content

‹‹‹ prev (271) Page 191Page 191

(273) next ››› Page 193Page 193

(272) Page 192 -
’S neonach am fasan,
Do dhauine tha dh’ easbhuidh
Nan nithean bu taitneich’
Dhaibh fein e bhi aca,
Bhi fuiang a faicinn,
Am bliadhna ’g a cleachdadh,
Ri crodh agus eachaibh,
Air acadh ’n a h-aonar.
Iseabail Nic-Aoidh, &c.
An Crunluath.
Seall sibh air a’ cheannaidheachd.
An iomalian nam mullaichean,
Am bliadhna’s i gu muladach,
Na h-uile la ’n a h-aonar.
Seall sibh air a’ cheannaidheachd,
An iomalian nam mullaichean.
Am bliadhna’s i gu muladach,
Na h-uile la ’n a h-aonar.
Innsidh mis do dh-iomadh fear,
’S an rannuidheachd ’n uair chluinneai' i,
Gu’m beil i air a cumail
As na h-uile h-aite follaiseach,
Le ballanan a’s cuinneagan,
An iomallan nam mullaichean,
Am bliadhna’s i gu muladach,
Na h-uile la ’n a h-aonar.
Seall sibh air a’ cheannaidheachd,
An iomalian nam mullaichean,
Am bliadhna’s i gu muladach,
Na h-uile li ’n a h-aonar.
Iseabail Nic-Aoidh, &c.
AV.'e—This song was composed in praise of a young
lady, the daughter of Iain mac Eachuinn, the bard’s early
friend,, to tire well known air of the pipe tune, "Fctilte
Phrhinns'To those who have attended to the varia¬
tions of that air, as played properly upon the great High¬
land bag-pipe, it cannot but appear as a very respectable
effort, that the bard has met all its variations, quick and
slow, with words and with sentiments admirably suited
both to the air and to his subject Vide Memoir of Edit-
1HC9.
FIOBAIREACHD BEAN AOIDH.
Urlar.
Thogaireadh bean Aoidh,
Thogaireadh bean Aoidh,
Thogaireadh bean Aoidh
Uain do dh-Aisir,
Thogaireadh bean Aoidh
’N aghaidh na gaoith’,
’S rinn iad Mac-Aoidh
Aig Lochan-nan-Glaimhidheach.
’S folluiseach a dh-fhalbh i,
Callaidheachd an deigh Aoidh,
Thoilich i ’ bhi ’n a mnaoi,
*N ,'iiteachan fasachail;
Chunna' mise mar bha 1,
Turraban an deigh Aoidh,
’Al bealach eadar da bheinn,
B’ aill leo gu ’n tamhadh iad.
Chunnaic mi rud eile its,
Dh-innis domh nach robh sibh saor,
H-uile h-aon de an ni,
Sgaoilt’ feadh nan airidhnean.
’S chunnaic mi thu fein, Aoidh,
’N uair a rinn thu’m pill,
Gurraidh cruinn aims a’ bheinn,
’S duilich dhuibh ’uicheadh.
Siubhal.
’S suarach an t-uidheam,
Do ghruagach no nighin,
Bhi pronnadh ’sa’ bruidhean,
Is cab oirre gMreachdaich.
Triall thun na h-uighe,
Gun ghnothuch no guidhe,
A' mhealladh le bruidhean,
Paisteachan ba-bhuachaill.
Ma tha agaibh de chridhe,
Na philleas mo bhruidhean,
Thdid mis air an t-slighe,
’S feuchaidh mi ’n t-aite
An robh sibh ’n ’ur suidhe,
’N ’ur laidhe’s ’n ur suidhe,
’S mu ’n ruitheadh beul duibhe,
B’ fhearr gun a chlaistinn.
’S suarach an t-uidheam, &c.
Crunluath.
Na citirdean bu dealaidh bha staigh,
Chairich iad iomadh fear roimh’,
Dh’ fheuchainn an cumadh iad uaith,
Ailleas nach b’ fheairde i,
Thionndaidh i ’bus ris an fhraigh,
’S bhdidich nach pilleadh i troigh,
Chaoidh gus an ruigeadh i ’n taigh,
Am b’ abhaist d'i fath fhaighinn.
Dh-fhag i ’n t-aran a’ bruich’,
’S dh-fhalbh i o philleadh a’ chruidh,
Dh-aicheadh i comhaiiT’s am bith,
’S mharsail i dh-Aisir bhuainn.
Mhuinntir a thachair a muigh,
’S iad a fbuair sealladh a’ chluich ,
Anna ’n a ruith, teannadh o ’n taigh,
’N deigh Tile chracanaich.
Na cairdean bu dealaidh, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence