Skip to main content

‹‹‹ prev (270) Page 190Page 190

(272) next ››› Page 192Page 192

(271) Page 191 -
ROB DONN.
1!)1 !
ISEABAIL N1C-AOIDH.
Air fonn—Plobaireachd.
An t-Hrlar.
Iseabail Nic-Aoidh,
Aig a’ chrodh laoigh,
Iseabail Nic-Aoidh,
’S i ’n a h-aonar,
Iseabail Nic-Aoidh,
Aig a’ chrodh laoigh,
Iseabail Nic-Aoidh,
’S 1 ’n a h-aonar;
Iseabail Nic-Aoidh,
Aig a’ chrodh laoigh,
Iseabail Nic-Aoidh,
’S i ’n a h-aonar:
Seall sibh Nic-Aoidh
Aig a’ chrodh laoigh,
Am bonnabh nam frith’
’S i ’n a h-aonar.
An ceud Siubhal.
Mhuire’s a Righ !
A dhuine gun mhnaoi,
Ma thig thu a chaoidh,
’S i so do thim ;
Nach f'aic thu Nic-Aoidh,
Aig a’ chrodh laoigh,
Am bonnabh nam frith’,
’S i ’n a h-aonar.
Mhuire’s a Righ !
A dhuine gun mhnaoi,
Ma thig thu a chaoidh,
’S i so do thim ;
Nach faic thu Nic-Aoidh,
Aig a’ chrodh laoigh.
Am bonnabh nam frith’,
’S i ’n a h-aonar.
Comharradh duibh
Nach ’eil gu math,
Air fleasgach amn
Bhi feadh a so,
’N uair tha bean-taigh’
Air Riothan nan Damh,
Muigh aig a’ chrodh,
Gun duine mar-ri.
Comharradh duibh
Nach ’eil gu math.
Air fleasgaich amh
Bhi feadh a so,
’N uair tha bean-taigh’
Air Riothan nan Gamh,
Muigh aig a’ chrodh,
’S i na h-aonar.
Iseabail Nic-Aoidh, &c.
An dara Siubhal.
Seall sibh bean-taigh
Air Riothan nan Damh,
Muigh aig a’ chrodh,
Gun duine mar-ri ;
Seall sibh bean-taigh
Air Riothan nan Damh,
Muigh aig a chrodh,
’S i ’n a h-aonar.
Seall sibh bean-taigh
Air Riothan nan Damh,
Muigh aig a’ chrodh,
Gun duine mar-ri ;
Seall sibh bean-taigh
Air Riothan nan Damh,
Muigh aig a chrodh,
’S i ’n a h-aonar.
Duine sam bith
Th’ air son a’ chluich’,
De chinneadh math,
Le meud a chruidh,
Deanadh e ruith,
Do Riothan nan Damh,
Gheibh e bean-taigh,
’S cuireadh e rith’.
Duine sam bith
Th’ air son a’ chluich’.
Do chinneadh math,
Le meud a chruidh,
Deanadh e ruith
Do Riothan nan Damh,
Gheibh e bean-taigh,
’S i ’n a h aonar.
Iseabail Nic-Aoidh, &c.
A n. Taobhluath.
Nach faic sibh an oibseig
Tha coslach ri glacadh,
Am bliadhna ’g a cleachdadh,
Ri crodh agus eachaibh,
Air achadh ’n a h-aonar.
Nach faic sibh an oibseig
Tha coslach ri glacadh,
Am bliadhna ’g a cleachdadh,
Ri crodh agus eachaibh,
Air achadh ’n a h-aonar.
’S neonach am fasan,
Do dhaoine tha dh’ easbhuidh
Nan nithean bu taitneich’
Dhaibh fein e bhi aca,
Bhi fulang a faicinn,
Am bliadhna ’g a cleachdadh,
Ri crodh agus eachaibh.
Air achadh ’n a h-aonar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence