Skip to main content

‹‹‹ prev (149) Page 69Page 69

(151) next ››› Page 71Page 71

(150) Page 70 -
TO
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Oirnne dh’ imicham fuathas,
An sgriob so thainig o thuath oirnn,
Tha ar cabaill air fuasgladh,
Chaidh ar n-eirtbire sguabadh,
A’s sinn mar chuileanau cuaine gu’n tredir.
A’s siun mar chuileanan, &c.
Chaill sinn reulla nan dualamh,
Chaidh ar riaghailt a ghluasad,
Ar cairt-iuil air f'albh uainne,
Bhrist ar stiuir ; mo cheud truaighe,
Sinn mar luing ann a’ chuan’s i gu’n sedl.
Sinn mar luing, &c.
Sinn mar llnne gun mhathair,
Mar threud gun bhuachaille gnathaicht
Sinnt'ohhruid aig ar namhaid,
H-uile fear a’ toirt tair dhuinn,
’S na coin luirge gach la air ar tdir.
’S no coin luirg, &c.
Dhuinn’s neo-shubhach an geamhradh,
An ruaig a thug sinn gu Galltachd,
Cha bu bhuannachd ach call dhuinn,
Nis mar cholainn gun cheann siun
O roinn Raonull a’s t-shamhradh uaiun falbh.
O roinn Raonull, &c.
A gnnuis a b’ aillidh ri sirreadh,
An t-shuil bu bhlaithe gu’n tioma,
An leoghann ard air dheagh-oilean,
’Nach d’ chuir uigh an gniomh foilleil,
Ach an rioghalachd shoilleir gu'n ledin,
Ach an rioghalachd, &c.
’S oil leam caradh do cheile,
’S bean na h-aonar a’d’ dhdidh i,
’N deigh a sgaradh o ceud-gradh,
Mhic ’Ic-Ailein o’n dheug thu,
Fhir a leanadh an fheisd mar bu choir.
Fhir a leanadh, &c.
Ach fhir thug Maois as an Euphaid,
’S a sgoilt a mhuir na clar reidh dhaibh,
Thug an triuir as an eigin
O bhidaghadh an creuchdan ;
A High nan righ na leig eucoir da’r coir.
A Righ na’n righ, &c.
MARBHRANN
DO SHIR IAIN MAC-ILLEAIN TRIATH DHUBHAIRT.
Iomraich mo bheannachd,
Gu Bainn-tighearna Thamair,
Bean’s am beil barrachd,
De charantachd naduir ;
Chunaic mise gu dligheil,
A suilean ri snithe,
’S i ’g aireamh mar mhi-adh,
Sior Iain da fagail:
Bha ddrainn a cridhe,
Cho moire ga ruighinn,
’S mar gu’m biodh e air tighinn,
O dhearbh nighean a mathar :
Gu cronachadh sgeula,
Bhiodh fada ’na dheigh sin,
Tliug Mairiread na feile,
Spor gheur do’n fhear-dhana.
Nach ionghnadh ri chlaistin,
Gu m beil mise o cheann fada,
Ann an turcadaich cadail,
Agus m’ acaid ro-chraiteach ;
Tha cneidh air mo ghiulan,
S mi leisg air a dusgadh,
Air cagal le ’ hiirach,
Gun uraich I’m bas dhomh,
Gidheadh cha sgeul-ruine,
Ach sgeula’s mor curam,
Sir Iain gu’n dusgadh,
An dlu chiste chlaraibh ;
B’e so an fhras chiuraidh,
A mhill ar n-abhall’s ar n-ubhlan
Roinn ar dosgainn a chrunadh,
Fhrois am tiur bharr a gharaidh.
B’e fein ar crann dosrach
A chomhdaich le choltas
Gur a coilltichin soita
’N dh-fhas toiseach a fhreamha
Gu’n dreadhunn gu’n chrionach,
Gun chritheann gu’n chrin-fhiodh
Ach geugan ro phriseil,
Do dh-fhion-fhuii na Spaine,
Bha fios aig luchd leubhaidh,
’S aig seanachaidhean geura.
Air ar teachd o Ghathelus,
As an Euphaid a thainig,
Sliochd mhilidhean treuna,
Fhuair ceannas na h-Eireann,
Mar bha fir na feile,
Agus Eirimon dana.
O’n ghin sibh o Scota,
Bha bhuaidh air bhur cordai,
A’ dearbhadh’s a cdmhdach,
Am pdr as an d’ fhas sibh,
Far an gabhadh sibh comhnaidh,
Bu leibh ceannas na fdid sin,
Le iomadaidh cdrach,
Agus moran a bharr air,
Ciad nighean Mhlc-Domhnuill,
Mar mhairistc pdsda,
B’e n seanaileir comhraig,
’N ciad Xhoisich a’s armainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence