Skip to main content

‹‹‹ prev (269) Page 261Page 261

(271) next ››› Page 263Page 263

(270) Page 262 -
262
EA.CHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. nuas o—1S45.
ag eiridh uigh air uighe leigeadh ris nithe dorcha, an aitean
eigin a bha corr aon toirt fainear, nach robh fathasd comasach
air an leasachadh, no’n cur ceart. Bba feadhainn eile faotainn
coire dh’oidheirpean dhaoine lonnraic nach robh iomlan, agus
an duil gu deanadh iad fein ni b’fhearr feuchainn atharrach-
adh seoil.
Bha fear do luchd-leanmhuinn Lutheir, d’am b’ainm
Muncer, aig an robh barailean baothaireach, agus aimhreit-
each. Uaithe-san, agus cuid eile do sheorsa, tha na h-Anab-
aistich. Bha iad am barail nach robh e ceart naoidheanan a
bhaisteadh, agus an aite uisge chrathadh orra, gur h-ann bu
choir an tumadh an uisge. Bha iad baisteadh as ur iadsan
bha tionndadh leotha. Uaith so fhuair iad an t-aimn. Bha
barailean eile aca bha ro choireach ; bha iad cur an ceill nach
robh feum air riaghalairean; nach robh uachdranachd aig
duine air duine,—gu bu choir urrad cuid bhi aig na h-uile
dhaoine, agus gu robh e dligheach dhoibh urrad bhan a
phosadh, ’s a bha na ceud atharaichean a’ deanamh.
Cha ’n urra sinn seanachas an so air a’ chogadh, an aimh-
reit agus an truaighe a dh’eirich o na barailean sin, a bha nan
steidh aidmheil, no air giulan, beusan, agus baothaireachd an
cinn-fheadhna, bha cur an ceill gu robh iad fein ’n am faidhean,
seadh Iain Matias, fuineadair, agus Iain Boccold, taileir, a
thainig mu dheireadh gus a’ chrioch a thoill e. Chaidh crioch
air a rioghachd. Ach tha cuid do’n luchd-aidmheil thairis
a nis, nach ’eil ri cogadh no stri,—a tha samhach, riaghailt-
each, toirt umhlachd do laghan an duthaich. Tha beagan
dhiubh an Sasunn agus a sgaoileadh feadh dhuthchan eile, ’s
tha caileigin d’an doighibh ’g a leanailt leo-san tha ’s an
Baglais leasaichte.
Bha dream eile bha ’n aghaidh an lagh ’g aicheadh iimh-
lachd da, ’s air-son a chur air chul. Bha lain Agricola, a
Aisleban, ’n a fhear leanmhuinn Lutheir, mar bha muinntir a’
phapa steidheachadh moran d’an teagasg air an lagh, thoisich
e-san ri sparradh air a luchd-eisdeachd, nach robh an Sean
Tiomnadh idir tabhairt laghan agus riaghailtean do na Criosd-
uidhean. Bha e, uime sin, cur cul ri lagh na modhannan,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence