Skip to main content

‹‹‹ prev (246) Page 238Page 238

(248) next ››› Page 240Page 240

(247) Page 239 -
Caib. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
239
dan agus an guth thogail a chronuchadh nithe nach buineadh
dhoibh. Bha teachdairean an iompaire cur leis, mar bha toil
aca am papa bln air taobh am maighistir, ach sheas a’
choinneamh ’n am beachd fein. Bha Campeggio deonach air
cail eigin a leasachadh, ni nach b’fhiu ainmeachadh, agus nach
toilicheadh am pobull; agus dhealaich iad co fliad o cheile ’s
a bha iad roimhe.
Ph6s Luther, ’s a1 bhliadhna 1526, Catrine Baria a bha do
theaghlach fhiachail, ’s a theich o thigh nan cailleacha dubha
’s an robh i. Cha robh daoine cliuthachadh a’ cheum sin;
bha chairdean diombach deth thaobh trioblaidean nan aimsir-
ean, agus an comas a thug e d’a naimhdean labhairt gu mas-
lach uime. Bha fios aig Luther mar bha iad araon; ach, mar
bha e fiosrach gu robh am posadh onarach, cha do lagaich na
bha iad uile ag radh a mhisneach.
An coinneamh nam Hath, an 1526, bha teachdairean an
iompaire air-son strachd do’n lagh fheuchainn ri Luther agus
a luchd-aidmheil, agus bha’n aireamh bu mho do na flathaibh
’n aghaidh, cur an ceill nach robh cumhachd aca gu sin a
dheanamh gus an coinnicheadh a’ chomhairle mhor agus an
cuirteadh gach cuis gu’n radh-san. Dh’aontaich iad mu
dheireadh sgriobhadh gus an iompaire ’g aslachadh air comh-
airle mhor a ghairm’s an tugadh gach aon a ghuth gu saor,
’s ag aontachadh gus a sin, gu biodh gach aon a’ stiuradh a
dhaoine fein air an doigh sin bhiodh freagarrach agus ceart.
Cha b’urrainn co-dhunadh a b’fhearr bhi air-son nan daoine
bha deonach air a’ chreideamh fhior spioradail a sgaoileadh.
Bha moran ghnothuichean aig an iompaire ri chur air aghaidh
an rioghachdan eile, ’s cha b’urrainn e aire thoirt do na nithe
bha dol air aghaidh’s a’ Ghermailt, gu h-araid do chreid¬
eamh. Cha robh am papa co mor aige, o na thionndaidh e le
righ na Frainge agus cumhachdan eile bha’n aghaidh Thear-
laich. 0 na thuair e buaidh-laireach aig Pabhia, bha e fas
co cumhachdach’s gu robh eud agus eagal air Clement chionn
e bhi co amaideach agus gabhail le naimhdean. Lionadh
Tearlach V. am fearg ris,—shaltair e air cumhachd a’ phapa
’s an Spainnte,—chaidh e chogadh ris’s an Fheadailt, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence