Skip to main content

‹‹‹ prev (244) Page 236Page 236

(246) next ››› Page 238Page 238

(245) Page 237 -
Caib. I.] EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. 237
Bha nis iomad baile m6r’s a’ Ghennailt gabhail an ath-
leasacbaidh ’s a’ cur aifrionn air cul, agus bha uachdarain
agus daoine cumhachdach gabhail barailean Lutheir, agus
deonach gu biodh an iochdarain air an teagasg ’n a dhoigh-
san.
Fhuair iad papa eile bha ionnraic agus toileach air maith
na h-Eaglaise ; ach bha e faicinn le doilghios, mar bha moran
’g a fagail, agus ghairm e an ard chleir cruinn chum an
comhairle fhaotainn gu stad a chur air a leithid. Bha e ’n a
oige deas-bhriathrach, agus fiosrach mu phongan a’ chreideimh,
agus be’n u,rram a bh’aige do na daoine ainmeil leis an
deachaidh arduchadh. Bha sgriobhan Lutheir ’n an aghaidh,
uime sin, ’n an oilbheum nach b’urrainn dha mhaitheadh.
Ach mar bha bheusan’s a ghiulan fein stolda, stuama, bha
giulan na cleir co coireach ’n a shuilean’s a bha iad an lathair
Lutheir fein. An 1522, sgriobh e chum na cleir, bha e dite
Lutheir air-son a bharailean ni bu mho na rinn Leo ; ’s a’
cronachadh prionnsan na Germailt chionn fhulang co fada.
Agus bha e ’g aideachadh mar dhuine ionnraic, gu b’ann o
thruailleachd luchairt na Roimh a bha gach ole ag eiridh;
gheall e na bha ’n a chomas a dheanamh chum ath-leasachadh,
agus bha e ’ g iarruidh an comhairle agus an comhnaidh.
Ohliuthaich iad deadh rim agus comhairle a’ phapa ; ghabh
a’ choinneamh leth-sgeul nam prionnsan mar bha luchd-lean-
mhuinn Lutheir air fas co lionmhor, agus am pobull ri gearan
mu na bha e togail dhiubh,—chuir iad an ceill gu daingean gu
feumadh atharrachadh dheanamh, agus gu robh e dearbhta
gu bi comhairle choitchionn bhiodh amhain comasach air
sith dheanamh’s an Eaglais,—dh’aontaich an t-iompaire leo,
agus dh’aslaich iad air a’ phapa e thoirt gairm dhoibh cruinn-
eachadh an aon do bhailtean mor na Germailt.
Bha’m fear bha seasamh aite ’s a’ chomunn sin ni bu
gheire na’m papa; chuir e roimhe ni b’fhaide,—oir bha fios aige
mar bha inntinnean dhaoine, agus an cunnart anns a’ cheart
ilm, agus, uime sin, rinn e na b’urrainn e chur an aghaidh
gairm choitchionn, a’ sparadh air a’ choinneamh a bh’ann
Luther a chur ’n a thosd. Chunnaic a’ choinneamh gu robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence