Skip to main content

‹‹‹ prev (217) Page 209Page 209

(219) next ››› Page 211Page 211

(218) Page 210 -
210
EACHDEAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 755—1545.
Cha do thachair sin, agus chuireadh umhladh trom air na h -
ludhaich, ’s an rioghachd sin. Lean fear agus fear iad sin a
bha gu call mor do na h-Iudhaich.
An treas linn deug. Cha’n ’eil seanachas againn air daoine
aig an robh barailean dr mu theagasgan na h-Eaglaise ’s an
linn so. Bha iadsan bha eudmhor dednach ag sgaoileadh a
chreidheamh chriosduidh’s an airde ’n ear co fada ’n aghaidh
Eaglais na Roirnh ris na greugach fein. Bha gach papa bha
tighinn ro-thoileach orra sin fhilleadh steach ’n an corsaibh far-
suinn fein, agus bha iad a’ cur luchd-teagaisg, mar theachd-
airean na rathaidean bha cur iompaidh car tamuill, air na cinn-
stiuraidh bh’aca.
Bha Eaglais na Eoimh’ air an am cheudna ri geur-lean-
mhuinn air na h-uile bha cur am barailean, bha’n aghaidh an
teagasgan coitcheann, an ceill ; agus bha iad sin a’ fds co lion-
mhor air feadh na h-Eorpa uile, ’s gu robh iad cur crith air
cumhachd a’ phapa fein;—bha co-thionail mhdr’s an Fheadailt,
’s an Fhraing, ’s an Spainnt, agus ’s a’ Grhermailt. Bha
cuisean eile dol leis na beachdan’s an robh iad roimhe. Ach
bha na h-uile cordadh air aon ni gu robh an creideamh
coitchionn agus suidhichte lan mhearachdan agus saobh-
chreideamh;’s gu robh uachdranachd, a’ phapa ceannairceach
agus mi-laghail.” Bha iadsan bha ’dealachadh o’n Eaglais
comhdachadh na bha iad cur an ceill o na sgrioptuirean, agus
righrean agus luchd-riaghlaidh gabhail suim do na bha iad
a’ gradh ; bha iad faicinn luchairt a’ phapa agus uaibhreachas
a1 chleir,—ionmhas nam manach, agus an gnathachadh uile
nach robh iad coltach ris an aidmheil bu chubhaidh dhoibh-
san thainig an deigh nan abstol bhi aca. Bha ceannard na
h-Eaglaise uime sin toirt fainear gu robh a naimhdean fas lion-
mhor agus laidir, ’s gu robh e feumail da meadhonan aghnath-
achadh chum beul sios chur orra.
Chuir Innocent III, (lonnraic) daoine eigin do chearnan’s
an Fhraing far an robh co-thionail, bhafas lionmhor, ’s a1 buadh-
achadh ’n an teagasgan, chum cur as gu buileach do luchd-
saobh-chreideimh. Bha iad sin dealasach deonach, fodh ughdar-
ras a’ phapa amhain. Cha robh iad a’ faineachd n’an eas-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence