Skip to main content

‹‹‹ prev (213) Page 205Page 205

(215) next ››› Page 207Page 207

(214) Page 206 -
206
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 755_,1545.
An naodhamh linn. Bha na linnean mu bheil sinnsgriobh-
adb, mar gu b’ann, ’n an suain. Cha robb iad a’ fiosrachadh
agus bha iad gun eolas,—uime sin, bu bheag dhiubh bha idir
smaointeachadh air na nithe is cuid-thromaiche, bha’n duil
gu robh ard chleir deanamh gach ni gu ceart ’n an comhairl-
ean, agus nach robh aig an t-sluagh ri dheanamh ach mar
bha’n luchd-teagaisg ag iomradh.
Bha aon, manach Frangach,* a thoisich ri deasboireachd
mu roimh-orduohadh, agus gras diadhaidh. Bha’n duine
so cur an ceill gu do roimh-orduich Dia aireamh eigin
air-son bas siorruidh ’s nach fuilingeadh Criosd air an son
sin,—agus daoine air-son na beatha maireannaich air-son an
d’fhuiling e le dheadh thoil fein. Dhit ard easbuig an
teagasg so ann comhairle aig Ments, an 848, agus’s a’ bhli-
adhna na dheigh, thug ard easbuig eile air an t-seanadh am
manach a sgiursadh agus a thilgeadh am priosan. Bha easbuig-
ean agus daoine foghluimte sgriobhadh agus gabhail leis an t-
saobh-chreidmheach so. Bha cornhairlean gabhail leis an
teagasg, co math’s a bha feadhainn eile ’g a dhite. Bha
dream eile ’s an linn so mu nach ruig sinn leas labhairt.
Chaidh iad a cuimhne leis na teagasgan bha iad a’ sparadh.
An deicheamh linn. Tha fior bheagan seanachais againn
mu theagasgan na linn so. Bha’n Eaglais an aird a cumh-
achd agus bha’n sluagh aineolach, deonach gabhail leis na
bha’n luchd-teagaisg toileach, no comasach a thoirt seachad.
Na’m biodh a dhanadas aig aon ’s am bith a’ bharail fein
chur an ceill, bha fios ciod a thacharadh. Bha daoine eigin
’s a cheathramh linn bha teagasg gu robh Dia ann an riochd
duine, mar tha e air a chur sios anns na sgrioptuirean’s gu
d’rinn e’n duine ’n a choslas fein. B’ anns an Eiphid a bha
iad sin, agus thoisich iad’s an linn so ris an ni ceudna theag-
asg an aitean eile, ged nach do sgaoil e fada.
An aon linn deug. Bha corr aon’s an linn so bha ainmeil
thaobh atharrachadh barail. B’ e Berenger, sagairt bha’n
Angers an aon a b’ainmeile dhiubh. Bha e cur an aghaidh
teagasg na h-Eaglaise mu’n bhrigh-atharrachadh,—bha iomadh
* Godeschald—Faic Formey, mu’n linn so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence