Skip to main content

‹‹‹ prev (192) Page 184Page 184

(194) next ››› Page 186Page 186

(193) Page 185 -
Caib. II.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
185
Blia modhannan agus doighean nan cinneach ’g an gnutli-
achadh an gnothuicliean saoghalta, co maith ri nithe
bhuineadh d’an saobh-chreideamh. Ann an cuise nach b’urr-
ainn a chomhdachadh le fianuis a chunnaic gniomh, no dean-
adas, bha iad air an robh amharus ’g a leagadh gu chombdach-
adh gu robh iad saor o’n choire bha air a cuir as an leth le
feuehainnean tre uisge, le comhrag, tre theine, no chrois.
B’e’n doigh bha iad feuchainn an uisge,—bha iad ceangal
lamh dheas agus cas chli a choirich ri cheile, ’s bha e mar sin
air a thilgeadh ruisgte an uisge, ’s nan rachadh e fodh bha
e saor; ach nam fanadh e’n uachdar bha sin mar chomhd-
ach ’n a aghaidh. Tha luchd-sgeoil cur an ceill gu b’e ’m
papa Eugenius II. a chuir an deuchainn so ’n toiseach orrasan
bha fodh amharus air son coire no cionta. Ma bha ard
uachdaran na h-Eaglaise co faoin agus a leithid sin do nithe
dheanamh an aite teagasg math agus feumail thoirt seachad,
cia mar bha iadsan nach d’fhuair foghlum mor no aite
urramach, agus cia idir mar a bha’n sluagh aineolach a bha
creidsinn s a geilleachduin da leithid, a bha faoin agus
doruinneach, gu bhi air an stiuradh *
Thoisich iad ri chomhdachadh le comhrag moran ni bu
traithe. B’e righ Gondeband a thug fain ear, ’s a’ chuigeamh
linn, nuair bha mionnan ’g ’am briseadh ro bhitheanta, gun
umhail do’n mhodh sholuimte, ’s an ceangal eagalach, an
dearbhadh tre chomhrag a chur ris na mionnan. ’S e e-san
a bheireadh buaidh bh’ air a mheas ceart. Ged nach b’urr-
ainn ni bhi ni bu choiriche, ghabh moran an iomad rioghachd
agus duthaich mar an dearbhadh bu shoilleire. Ach chaidh
a thoirmeasg ami an comhairle, ’s a’ bhliadhna 853.
Bha iomad doigh air an teine gus a’ choire dhearbhadh, bha
uile faoin agus neo-choltach air foghnadh math. Bha’n aon
air an robh amharus ri iarunn dearg a thogail ’n a laimh, no
coiseachd cas-ruisgte air coltairean bh’air an deanamh teth, ’s
bha iad sin ri bhi beagan no moran an aireamh reir nan
droch-bheirtean a chuireadh as leth an neach bha iad a’ dite ;
ma bha e fulang gun ghoimh, no beud, bha e saor; ach
iadsan bh’air an losgadh bha iad g’an dite.
a a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence