Skip to main content

‹‹‹ prev (190) Page 182Page 182

(192) next ››› Page 184Page 184

(191) Page 183 -
Catb. II.] EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. 183
bha thar comas nam beo. Bha, mar an ceudna, iomadh ni ’g
a slieanachas mu daoine crabhach agus math, a bha ro choir-
_each; ach bha iad air an cronachadh le daoine fiosrach aig
an robh toil an fhirinn a chur an ceill, agus an sluagh ain-
eolach a theagasg air an doigh cheart. Bha iomad aobhar air-
son nan sgriobhan sin. Bha duil aig cuid gu robh -e tait-
neach leosan bha’n rioghachd nan gras bhi cur an airde an
cliu,—agus gu’n tugadh iad luigheachd dhoibh da cheann.
Bha feadhainn eile air-son luach an saothair ’s cur iompuidh
air daoine nithe bu neo-choltaiche a chreidsinn. Bha moran
tighinn do na h-eaglaisean a choisrige do na naoimh toirt gean-
math seachad an duil ri cobhair agus maitheanas ’nam peac-
aibh. Bha e air a mheas urramach dhoibh-san bha fritheal-
adh nan nithe faoin sin, bha deanamh na b’ urrainn iad gus
na naoimh air an robh iad ainmichte fhagail ainmeil, agus bha
iad, uime sin, cur sios gniomha nach cualas an leithid roimhe,
ach a chreideadh na baoith,-mar gu biodh uile nithe fodh
chumhachd nan naoimh a bha ’n an eadar-mheadhonairean,
’s ris an robh iad cur suas an guidhe.
Ohaidh iomad air thurus do’n airde’n ear a dh’ amharc nan
aitean ’s an robh Criosd agus a dheisciobuil; an duil ri
nithe fhaotainn a bheireadh co-fhurtachd do’n inntinn lag,—no
suaimhneas agus sith do’n choguis lochdaicb,—agus a sha-
hhaladh tiribh agus daoine o theugbhail. Cha do phill iad
sin falamh ; agus bha muinntir nan rioghachdan sin fataoinn
luach mor air-son gach fuigheal naornh bha iad cur am fiach,
ged bha cuid diubh bhuineadh do na paganaich,—lamhan
casan, cnamhan, seadh, ciod sam bith a gheibheadh iad an
ainm aon seach aon do na naoimh iomraiteach. ’S ann mar
sin a thugadh moran gu Eaglais na Eoimh, bha’n aobhar
ioghnaidh’s na linnibh aineolach, ’s a tha gus an Ian diugh
an caileigin do mheas.
Bha barailean ur mar bha corp agus foil Chriosd le samh-
ladh’s a’ chomanachadh air an cuir an ceill’s an linn so. Bha
na h-uile’s an Eaglais creidsinn roimhe so gu robh corp agus
foil Chriosd air am frithealadh an Suipeir an Tighearna, ’s
bha iad creidsinn’s an lathaireachd ; ach bha atharrachadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence