Skip to main content

‹‹‹ prev (178) Page 170Page 170

(180) next ››› Page 172Page 172

(179) Page 171 -
Caib. I.J
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
171
Fherdinand. Bha ard eusbaig nan ludkach cuideaclid ri
gabhail ris a’ chreideamh Chriosduidh, no an rioghachd
fhagail. Bha iadsan bha dol air fogradk call an cuid, no’m
maoin, ’s bha sin uile toirt air moran gabhail orra bhi do’n
chreideamh fhior. Bha tuille dhiubh dol do Phortugal far an
robh duil aca ri tamh fhaighinn o’n choire bha Iain 11. toirt
doibh,—’s an dochas gu faigheadh iad dion, no rathad gu
dol gu aitean eile bu shabhailte. Bha ’n dochas faoin,—-chaill
iad am maoin, a chaidh ghlacadh’s a chur ri ionmhas na
rioghachd, agus iad fein a reic ’n an traillean. Thug Emanuel,
a thainig an deigh Iain, saorsa dhoibh, agus fhuair iad na
nithe bhuineadh dhoibh cuideachd ; ach chum e’n clann uatha
agus chaidh tri cheud mile dhiubh a bhaisteadh. DlTaon-
taich na h-Iudhaick le sin air eagal gu’n eireadh ni bu
mhiosa dhoibh. Ach b’ e geilt roimh pheanas na cuirte
phapanaich, ’s cha b’e idir bhi smaointeachdk no’m barail gu
robh e ceart, thug orra an aidmheil beoil sin chur ’a’m fiach.
Bha solus an t-soisgeil a’ sgaoileadh am fad’s an linn so, ged
bha’n dorchadas co mor’s nach robh an dearladh soillseach.
Bha na Portuguese toirt aire shonraichte do sheola, agus
chaidh iad an deireadh an linn so dh’ Ethiopia agus do na
h-innsean ;—agus, an 1492, fhuair Gille-Oriosda, Columbus,
amach eilean’s an airde ’n iar, trid an d’rinn e’n rathad dh’-
America, agus, ’n a dheigh, chaidh Americus Bhesputius do’n
t-saoghal ur, a fhuair ainm uaith. Bha toil aig na ceud mhar-
aichean a sheol an iar naisinn nan tiribh cian sin a theag-
asg ann an eolas a’ chreideimh Chriosduidh. Thucr na Portu-
guese cheud oidheirp an Africa, agus dh’iompaich iad an righ
’s a dhaoine an Congo, ’s a’ bhliadhna 1491. ’Na dheigh sin
thug Alastair VI., mar gu bu leis fein an saoghal itr, seachad
e do na Portuguese agus na Spainntich, ach gu robh e cur am
fiach orra an naisinn a theagasg an eolas a’ chreideimh
cheirt’ agus bha luchd-teagaisg o na h- orduighean a b’ain-
meile an Eaglais na Roimh air an cur g’an iompachadh. Ach
thug iad sin tuille aire air an gnothuichean fein, na air
teagasg fallain, slainteil;—bha iad gabhail gacli doigh air
saoibhreas a charnadh, ni a bha tionndadh nan daoine boehd, a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence