Skip to main content

‹‹‹ prev (170) Page 162Page 162

(172) next ››› Page 164Page 164

(171) Page 163 -
Caib. I.] EACHDRAIDII NA H-EAGLAISE. 163
Ingleburg agus bean eile phosadh; agus, o nach lubhadh an
righ mi-stuama so d’ a thoil, thoirmeasg e aoradh folaiseaeh
feadh na riogbachd. Ged nach robh Philip aithreachail air-son
a ghiulain bha e faicinn a chunnairt’s an robh e, chuir e uaith
Agnesaille a bh’aige an adhaltranas, agus ghabh e ris Ingel-
burg agus fhuair e sith o’n eaglais.
Ach b’e righ Shasuinn air an do dhruidh fhearg gu ro-mhor.
Chuir am prionnsa so ’n a aghaidh gu dangarra ’nuair thug
Innocent do na manaich aig Canterburi comas ard chleir a
roghnacbadh an aite an aon a bha’s an dreuchd, ’s an doigh
riaghailteach, ’s le toil an righ. Chuir am papa nithe luach-
inhor dh’ionnsuidh an righ air-son a ghean-maith fhaotainn,
dhiult e-san aontachadh, agus chuir e saighdearan gu sgaoilcadh
chur an crninneachadh nam manach ; agus chuir e fios gus a’
phapa, nan toisicheadh e ri mi-riaghailt a dheanamh an Canter¬
buri, gu biodh crioch air a chumhachd ’n a rioghachd-san. Cha
do chuir sin eagal air Innocent chuir e dh’ionnsuidh ard eas-
buigean Shasuinn comas aoradh folaiseach a thoirmeasg fad na
rioghachd mar geilleadh an righ, ’s mar gabhadh e Langton
a bha e-san ag orduchadh Ghabh Iain an t-eagal agus
dh’aontaich e le iarrtas a’ phapa; ach thug e ’n aire nach
cailleadh e choir fein an roghnachadh an ard chleir, agus chuir-
eadh sin a sios: ach dhiult Innocent sin thoirt da agus
thoirmeasgadh aoradh air feadh na rioghachd. Cha robh ni
’g a fhrithealadh, dhruideadh na h-eaglaisean, thoirmeasgadh
na sacramaidean ach am baistoadh;—bha na mairbh ’g an
tiolacadh taobh nan rathaide mbra, gun suim do’n mharbh,
ach bha dream eigin ri aoradh folaiseach, agus chuir cuid do
na h easbuigean an aghaidh reachd a’ phapa.
Chunnaic Innocent nach deanadh so feum mar a b’aill leis,
agus, uime sin, chuir e’n righ fodh ascaoin eaglaise. Thachair
sin an 1208, agus tri bliadhna ’na dheigh, thug e’m mionnan
dligheach bhar nan iochdaran agus dh’aithne do na h-uile a
chuideachd a sheachnadh air neo gu tacharadh a leithid eile
dhoibh fein. ’S a’bhliadhna 1212 chaidh e ni b’fhaide, ghairm
e coinneamh do'n ard chleir, chuir e Iain bhar na cathrach,
dh eigh e n rioghachd falamh, agus sgriobh e dh’ionnsuidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence