Skip to main content

‹‹‹ prev (143) Page 135Page 135

(145) next ››› Page 137Page 137

(144) Page 136 -
136
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 755—1545.
folais, chum ughdaras nam papa, ’s nan easbuigean, a dhaigh-
neachadh. Bha ainm orra sin’s an ochdamh linn, ’s a nis air an
creidsinn gu fior,—-ged nach cualas riamh mu chomhairle nan
Seanadh anns an do sgriobhadh iad. Chuir aon eigin amach
iad a bba gun mbeas, no ughdarras, agus chuir e ainm Isidore,
easbuig Sabhille riu. Bha e air a mheas feumail gu biodb
combdacbadh air dreuchdan mora agus cumhachdach, bha’m
papa, uime sin, ’g agairt mar a choir dhligheach reachdan a
bha giulan ughdarrais. Cha ’n ’eil feum air tuilleadh a radh
mu na litrichean breugach;—bha e maslach dhoibh-san a
thaisbein iad, agus a’ nochdadh aineolais na bha tabhairt
creideas do leithid do shlaoitearachd.
Bha na manaich roimhe so am meas agus miadh’s an airde
’n ear, agus’s an linn so bha iad togail an cinn’s an airde n iar.
Bha righrean, diucan, agus uachdarain leantuinn an doighibh
beatha ,gun umhail d’an inbhe no’n dleasanais. Bha atharrach-
adh ’g a dheanamh’s an linn so mu aoradh dhealbh, no iomh-
aighean, reir barail, no beachd, an iompaire bha riaghladh.
Aon cur sios a leithid do shaobh-chreideamh, agus aon eile ’g a
cheadachadh; mar gu faodhadh nithe foilleil a chreidsinn
air-son math na h-eaglaise. Mhair a chomh-stri ceud bliadhna
’s a deich, gus an tug iodhail-aoraidh buaidh.
Cha robh Muinntir na h-airde ’n iar idir co umhal no
fhreagarach, oir bha isd smaointeachadh, ’s a’ cnuasachadh am
barailean. Cha robh an inntinn co so-lubadh ris na Greugaich.
Bha Criosduidhean na h-Eorpa’s a’ mheadhon, ’s bha iad cead-
achadh dhealbhan chur suas chum foghnadh ni bu mho—gu
drughadh orrasan a bha ri aoradh, ach toirmeasg aoraidh
dhoibh sin. Gidheadh, nigh air uigh, thoisich iad ri aoradh
thoirt do na coslais a rinneadh le lamhan dhaoine, ’s mu’n
tainig crioch air an linn so, bha iad le ughdarras a’ phapa, agus
cleachdan dhuthchan eile tuiteam anns a chionta mhor so air
feadh rioghachdan na h-airde ’n iar. Bha’n SpainnteachClaudius,
easbuig Thurin, tilgeadh mach dhealbh agus na croise as an
eaglais, ’s ’g an losgadh, (823.) Sgriobh e cuideachd ’n an
aghaidh co math ri iomadh gnathachadh eile bh’aca nan aid-
mheil nach robh reir reusain agus an t-soisgeil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence