Skip to main content

‹‹‹ prev (138) Page 130Page 130

(140) next ››› Page 132Page 132

(139) Page 131 -
Caib. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
131
deth so air-son a ghnothuichean fein no chum math na h-
Eaglaise;—chuir e as do iodhail-aoraidh nan Sacsons agus thug
e orra gabhail ris a1 chreideamh fhior ged a b’ann chum an
ciosnuchadh bha e, agus ainm-san a ghabhail mun robh iad air
bheag eolais.
Bha fuath sonruichte aig Charlemagne do shaobh-chreid-
eamh, agus eud dileas do na sgrioptuirean. Bha e toileach air
gach comhnadhthoirt doibh-san bha’g am mineachadh’s ’gan
soilleireachadh, chum ’$ gu biodh an creideamh fior, ceart, air
a sgaoileadh ’s air a theagasg. Bha e toirt riaghaiitean a
b’fhearr seachad do thighean crabhach, agus cur suas sgoilean
air-son ionnsachaidh.
Naoidha linn. Ged bha’n t-iompaire ri moran air-son cin-
neach almharrach, fiadhaich, iompachadh chum a chreideamh
fhior, cha robh an t-am’s an robh e riaghladh reir spioraid a’
chreideimh Chriosduidh, agus bha e-san deanamh nithe ni bu
mho reir spioraid nan amaibh cogach sin, na reir a’ chreideimh
bha e ’g aidmheil. Far nach robh feum bhi sparradh orra an ni
tha ceart, bha e feuchainn a neart. Bha Lughais, a mhac,
ris an canadh iad “ Ciuin,” carrach, feargach. Thainig righ
Lochlinn, o’n tug aon bu treise a rioghachd, a dh’aslachadh a
chomhnadh, ’s a bhliadhna 826. Gheall Lughais sin da nam
bitheadh e na Chriosduidh, ’s nan ceaduicheadh e an creid¬
eamh theagasg ’na dhuthaich. Dh’aontaich Harold ri sin a
dheanamh. Chaidh a bhaisteadh, chuireadh Ansgar agus
Authbert, da mhanach ainmeil, dheonach agus eudmhor maille
ris. Shearmonaich iad so an soisgeul an Lochluinn agus dh’-
iompuich iad moran an sin. An deigh bais Ansgar phill Auth-
birt do’n Ghearmailt far an d’fhuair e meas agus urram, agus
rinneadh e’na easbuig na h-iompaireachd,’s a’ bhliadhna 844.*
Chuireadh teachdairean a Sclabhonia agus a tiribh eile’s an
airde ’n ear gu Constantinople dh’ionnsuidh righ Basilius,
am Macedonianach, ’s a’ bhliadhna 867, chur an ceillgurobh
muinntir nan tiribh sin deonach air gabhail ris a’ chreideimh
Chriosduidh, ’s a bhi fodh riaghladh nan Greugach. Chual
iad so le toileachas mdr, agus chuireadh luchd-teagaisg crabhach
* Mosheim.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence