Skip to main content

‹‹‹ prev (124) Page 116Page 116

(126) next ››› Page 118Page 118

(125) Page 117 -
Caib. IV.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
11?
Bha Athanasius ’na fhoirfeach ann an eaglais Alecsjftdria,
ach, ’nuair thoisich deasboireachd mu theagasgan Ariuis, dh’-
aontaich e-san le easbuig, agus chaidh e leis gu comhairle Nice.
Thogadh e’s a’ chleir, ach cha b’ fhad a mheal e sith anns an
dreuchd ur do’n chreideamh cheart,—seasmhach’na bharailean,
gun char, gun lub, b’ fhuathach le luchd-leanmhuinn Ariuis
e air-son mur chuir e ’n an aghaidh. Ohuir iad casaid air
gu robh e togail cain ur o’n phobull air-son na h-eaglaise.
Cha’n eisdeadh an t-iompaire ri sin, agus chuir iad an sin
as a leth gu do thilg e sios, ’s gu do bhrist e copan comun-
achaidh,—gudo thilg e uaith samhladh na sacramaidsholuimte,
—gu do leag e eaglais aig Mareotis,’s gu do mharbh e Arsenius,
easbuig Hifisile. Fhreagair e nach robh eaglais, altair, no
cupan’s an aite sin, agus thug e lathair an t-easbuig a threig
an eaglais’s a dh’ fholaich e fein. Ach chuir a naimhdean
rompa gumaslaicheadh siade, agus, aig comhairle anTire,fhuair
iad an run, chaill e aite agus chuireadh as an tir e. Chaidh
e air ball do Chonstantinople, agus thagair e chuis gu follais-
each mu chomhair an iompaire, ach gun fhoghnadh dh’ fhogh-
radh e gu Tebhes.
Thug an ath iompaire, bha do’n chreideamh cheart, cead
do na h-easbuigean, chuireadh as na tiribh, pilleadh agus thug-
adh Athanasius do Alecsandria. Ach chuireadh a sin e ris le
claon chomhairle’s chaidh Griogair chur ’na aite agus dh’imich
e-san do’n Roimh. Shuidh leth-cheud easbuig ann an comh¬
airle air a chuis, agus fhuair iad uile neo-chiontach e. Tri
bliadhna ’na dheigh sin, ghairmeadh e gu Milan le aithne an
iompaire Constans gus a chuis a thoirt gu crich. Fhuaradh
ris Neo-chiontach e andeigh moran bruithinnagus consachaidh;
chaochail Griogair’s an am, agus thugadh Athanasius a ris
air ais gu Constantinople. Cha b’ fhada bha e samhach, oir
chaochail an t-iompaire a sheas a’ chuis. Thoisich a’ naimh¬
dean air mi-run agus ganlas a dhusgadh ’na aghaidh, oir gach
easbuig nach aontaicheadh leo chuireadh air fogradh, chum an
t-iompaire a bhrosnuchachadh ’na aghaidh, ’s thainig arm an
iompaire air am feadh ;—bha e ri aoradh an eaglais an Naoimh
Theonais. Lean e air teagasg a phobuill gus na bhrist iad na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence