Skip to main content

‹‹‹ prev (120) Page 112Page 112

(122) next ››› Page 114Page 114

(121) Page 113 -
Caib. III.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
na
ean, ’s an robh easbuigean faotainn aon a cheile chur amach as
an eaglais ’s ’g am mallachadh. Ohaidh iad sin seachad o
cbeann fhada leis an end’s an fharmad a bli’ aca ri cheile.
Cba bhi truas co mbr ris a’ chuid dkiubh bha fulang ’nuair
tha’n eachdraidh cur an ceill an ganlas’s an geur-leanmhuinn
’nuair bha’n lamb uachdair aca fein. Bka’n luchd-aidmheil
fa leth a’ fulang o na reachdan bha ’g an cur amach ’s na
Seanaidh’s an robh binn agus breth ’g a thabhairt, ’s bha iad
sin dol an lionmhoireachd, no claonadh reir nan aimsirean’s
na bha tachairt annta. Gus an cur reidh chuir an t-iompaire
Seno mach reachd, an 482, ris an abaireadh iad Uenoticon-
ach, an aite thoirt orra bhi dh’aon inntinn no bharail, cha
robh aon taobh no buidhean air an toileackadk, agus bha gach
dream dhiubh air an ainmeachadh an deigh nan daoine b’iom-
raitiche ’n am measg.
Seatliamh linn. Bha fior bheagan ’g an comharachadh fein
’s an linn so le barailean ur, agus bha feadhainn do na linnibh
roimhe dol a cuimhne, agus luchd-leanmhuinn feadhainn eile
fas annamh. B’e Seumas Baradaeus, a bha ullamh, deas-
fhoclach, a chum suas an Comunn d’am buineadh e fein le
misnich, agus aigne gun mheathadh;—bha iad so lionmhor
agus bha’n ughdarras mor feadh na h-Eiphid, Abissinia,
Mkesopotamia, agus Armenia. Uaith ’n am so bha iad air
an ainmeachadh air-san, agus tha ’n aireamh mor’s an airde
’n ear gus an la ’n diugh.
Bhiodh e mi fheumail bheag a radh umpasan bha cur
dealachaidh eadar da phearsa Chriosd, agus an Trionaid
naomh;—do bhrigh nach do chuir iad an ceill barailean ur,
agus nach robh iad ach a’ measgadh ’s a’ dearbhadh, mar
b’fhearr a b’urrainn iad, beachdan agus teagasgan nan daoine
chaidh air thoiseach orra.
An Seachdamh linn. Tha nis cuibhrionn againn ri radh
mu dhaoine aig an robh caochladh beachd’s an linn so. ladsan
bha do’n bharail a bh’aig cuid do dh’ easbuigean mn thoil an
Tighearna losa Criosd, ghairmeadh o’n teagasg, no o’n chreid-
eamh bh’aca uime. Bha’n t-iompaire ’g an dionadh, ’s a’ chomh-
airle ’g an diteadh—ach theich iad o gheur-leanmhuinn gu
p

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence