Skip to main content

‹‹‹ prev (116) Page 108Page 108

(118) next ››› Page 110Page 110

(117) Page 109 -
Caib. Ill,]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
109
gu do chuir e spiorad naomh air, gu’n d’rinn e an saoghal, ’s gu
robh e riaghladh na crninne, reir toil Athar agus a Mhorachd,”
Ghabh moran ri bharail—a bha seasamh leis—agus bha da
easbuig do’n aireamh. Bha’n t-easbuig Alastair, agus a’
chleir bha foidh an Alecsandria ’g a chomhairleachadh pill-
eadh o mhearacbd, ach o nach deanadh sin feum—ghairm e
comhairle’s an robh ceud easbuig, a dhit Arius o nach aidich-
eadh e bharail mhearachdach. Oha do chuir sin athadh air
Arius, thar e as do Phalestine, far an do ghabhadh e do
chomunn nan Criosduidhean, ged bha e fein ’s na bha ’g a
leanmhuinn fodh ascaoin eaglaise. Bha moran deasboireachd
mu’n bharail so, agus na daoine b’fhearr’s a’ chleir an aghaidh
a cheile uimpe, ’s a’ gnathachadh cainnt mhi-iomchuidh do’n
aidmheil—air mhodh’s gu tug Constantine oidheirp air an cur
nan tamh le sgriobhadh ’g an ionnsuidh le cheile ach’s an a
dhuisg e a’ chomh-stri. Ach an deanadh iarrtas an iompaire
sith a measg leithid do bhuaireas ! Ghairm e, air an aobhar
sin, comhairle aig Nice, ann am Bithinia, mu’n robh sinn
cheana labhairt. Thainig Arius a lathair, agus chuir e’n ceill
a bharailean, agus chaidh e fein, ’s iadsan bha ’g aontachadh
leis a dhite, o nach cuireadh iad an ainm ri creud Nicene.
ChuireadhAriusair fogradh,’s chaidh aleabhraichean a losgadh,
agus am binn-san aig am faighte’ aon diubh a thoirt a mach.
Bha didinn ’g a thabhairt doibh os-iosal. Ghairmeadh Arius
an ceann thri bliadhna air ais agus chaidh e fein’s a luchd-
leanmhuinn a ghabhail an comunn Eaglais lerusaleim. Chuir
an t-iompaire g’a shireadh gus a thoirt a stigh do’n Eaglais
aig Constantinople, ach thainig crioch air a bheatha mu’n
b’urrainn e tighinn. Bha naimhdean cur an ceill gu b’e breith-
eanas a thainig air air-son mi-dhiadhachd,—ach bha aobhar
bu mho aig a chairdean a chreidsinn nach robh a bhas an ain-
fhios doibh-san.
Bha Constantius a’ dionadh a luchd-aidmheil, bha iompairean
’na dheigh, co math ri easbuigean, agus eaglaisean, cuid leo
agus cuid ’n an aghaidh. Thoisich an sin deasboireachd ’n am
measg fein—cuid cur an ceill gu robh e co ionan ri athair ’na
bhith agus cuid nach robh e an inbhe co ard. Bha iomadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence